Chaidh OpenTTD 1.3.3 fhoillseachadh

A' sealltainn naidheachd a-mhàin
Sealladh clò-bhualaidh Dèan ceangal dhan naidheachd seo

Chaidh OpenTTD 1.3.3 fhoillseachadh


Roinnean-seorsa: Geamannan - Games
openttd-logo.gif
Chaidh OpenTTD 1.3.3 fhoillseachadh an-diugh. 'S e geama saoghail mas-fhìor stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a th' anns an OpenTTD. Togaidh tu lìonra dhe sheirbheisean bus, trèana, luing is plèana. Faodaidh tu cluiche nad aonar no ann an lìonraidh no air loidhne. Tha iomadh tuilleadan ri làimh as urrainn dhut luchdadh a-nuas is cuid dhiubh air an eadar-theangachadh cuideachd.

Gheibh sibh an geama air an làrach-lìn aig OpenTTD is barrachd fiosrachaidh mun tionndadh Gàidhlig air a' bhòrd-bhrath againn.
openttd_screenshot.png