Halò, a h-uile duine

Cò thusa? / Introduce yourself
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Halò, a h-uile duine

Unread post by Thrissel » Wed Jun 24, 2009 10:48 pm

Halò, a h-uile duine,

Bha mi mu dhà mhìos a' coimhead air an làrach seo, agus chuir mi romham gun abair mi rudeigin an-dràsta 's a-rithist cuideachd.

Tha mi air dà leabhar TYG a leughadh; tha mi air èisdeachd ris na "litrichean" BhBC le Ruairidh MacIllEathain mu leth-bhliadhna; ach cha do bhruidhinn mi ri duine sam bi riamh (ach a-mhàin mi fhìn).

Tha mi dà fhichead bliadhna a dh'aois, fileanta sa Bheurla - agus duine searbhasach: chan fheum sibh a bhith ro mhodhail am ionnsaigh - cuiribh ceart a h-uile mearachd a nì mi gu neo-thruacanta, 's e sin a tha dhìth orm :priob: !



Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg » Wed Jun 24, 2009 11:06 pm

Feasgar math, agus fàilte chridheil ort. Tha coltas math air do chuid Ghàidhlig ach bidh an fheadhainn 'forensic' a' nochdadh a dh'aithghearr :-)
Last edited by Gràisg on Thu Jun 25, 2009 8:26 am, edited 2 times in total.

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh » Wed Jun 24, 2009 11:10 pm

A Thriseil,
Chan eil mi cinnteach air na mearachdan anns an rud a sgrìobh thu - tha e a' coimhead beagan neo-àbhaisteach ach, uill, cò mise airson ràdh - chan eil ach neach ionnsachaidh a th' annamsa.
Mar a thachras, tha mise fileanta sa Bheurla cuideachd, ach chan eil mi searbhasach nas motha - dè a' phuing? Cò às a tha thu? 'S e àite glè mhòr a th' ann an Eòrpa. Innis Tile? Masadòinia? An Ruis? An Spàinn?
Fàitle dhut ged-thà.

Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Unread post by Thrissel » Wed Jun 24, 2009 11:41 pm

Mòran taing airson na fàiltean luatha!
Seonaidh wrote: Mar a thachras, tha mise fileanta sa Bheurla cuideachd, ach chan eil mi searbhasach nas motha - dè a' phuing?


Chan robh mi airson "fileanta sa Bheurla" agus "searbhasach" a cheangail. Bha mi ag iarraidh a ràdh nach eil mi "taking myself too seriously" (chan eil fhios agam ciamar a chanas tu "take oneself..." sa Ghàidhlig) agus mar sin nach fhaigh mi gruamach a dh'aindheoin cho mòran mearachdan agamsa a chì mi air an cur ceart.
Cò às a tha thu? 'S e àite glè mhòr a th' ann an Eòrpa. Innis Tile? Masadòinia? An Ruis? An Spàinn?
Anns a' mheadhan, leis an fhìrinn innse - eadar a' Ghearmailt is Slobhaigia, no eadar a' Phòlainn is an Ostair. Ach, trìd nan leabhraichean agus an eadarlìn, tha mi a' cur pàirt mhòr de mo bheatha seachad aig àiteachan eile :priob: !

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4535
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc » Thu Jun 25, 2009 8:21 am

Fàilte chridheil ort!

Tha Gàidhlig glè mhath agad mar-thà! :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

Post Reply