What does it mean? Various questions

Ciamar a chanas mi.... / How do I say...
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Thu Nov 22, 2012 6:37 am

akerbeltz wrote:They've removed the pronouns from the bi table :)
Glè mhath! :)

But this remains:
bhatar mi' means "I was been"
and so does passive cond.: bhite mi, bhite thu etc. :priob:


Eilidh -- Luchag Bhochd

Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by Seonaidh » Thu Nov 22, 2012 10:26 am

akerbeltz wrote:They've removed the pronouns from the bi table :)
- and put them in the wosp table?

Would it be the case that, m.e., "bhite mi" would mean "one would be me"?

In Gaelic, one is taught that "bi" never has what could be called an "object": all you can do for stuff like "it was him" or "I'm Catqueen" is to copulate, e.g. "B' e esan [a bh' ann]" or "'S mi[se] Caitrìona". So it should never arise that you would get an impersonal form with a pronoun (or even a noun, come to that). Bi mi suas, a Sgotaidh...

Surely "bhatar mi" would be "I'm from Vatersay"... Seadh, a Mhinidh Bhochd, tha seo ceàrr. Mar a tha "bhite mi" amsaa.

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Sun Mar 10, 2013 2:29 pm

TYG, Aonad 22 wrote:Cha sguireadh e a bhruidhinn.
Mar sin, tha "sguir" a' dèanamh còmhla ris "a=do", mar "rach" (m.e. "tha mi a' dol a dhèanamh"), nach eil?

Agus dè tha sin a' ciallachadh?
Am Faclair Beag wrote:sguir o [AG]
cease to [V]!
NB: AG <> V :)
Eilidh -- Luchag Bhochd

Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by Thrissel » Sun Mar 10, 2013 8:45 pm

A rèir nam fiaclairean agamsa chan ann "sguir a = sguir do" ach "sguir a = sguir de" a tha ann, ach chan eil fhios 'am a bheil "sguir o" ceart no taidhpo.
poor_mouse wrote:NB: AG <> V :)
An rud àbhaisteach: ainmear [gnìomhaireach] sa Ghàidhlig, gnìomhair sa Bheurla: sguir a mhaoineadh [AG] - cease to mourn [V]

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Mon Mar 11, 2013 10:12 am

Mòran taing, thuig mi sin.

Tha an "de" fada nas fheàrr!
Eilidh -- Luchag Bhochd

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by GunChleoc » Tue Mar 12, 2013 3:46 pm

Tha mi fhìn eòlach air "sguir de", ach 's dòcha gu bheil "sguir o" ann cuideachd ach le ciall beagan eadar-dhealaichte dha. Ma lorgas tu airson "sguir" is ma bheir thu sùil air na toraidhen, 's dòcha gur e seo a th' ann:

sguir d(h)e/a = stop

sguir (bh)o = cease and desist

No 's dòcha gur e mearachd sgrìobhaidh a th' ann gu dearbh. Chuir mi fios dha dh'akerbeltz chòir :)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

akerbeltz
Rianaire
Posts: 1757
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by akerbeltz » Tue Mar 12, 2013 4:19 pm

Tha e ceart, tha an dà chuid sguir o agus sguir de/a (no sguir do anns na sgìrean nach eil a' dèanamh diofar eadar do agus de) ach chan eil sguir o cumanta idir idir.

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Wed Mar 13, 2013 7:02 am

Tapadh leibh, tha sin soilleir dhomh a-nis!
Eilidh -- Luchag Bhochd

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Wed Mar 20, 2013 6:02 pm

Chan eil mi cinnteach ciamar a chanar "eaconamaidh"? Tha e coltach gu bheil sràc ann air an dàrna lide, nach eil?
Chuala mi mar sin air Naidheachdan BBC ALba...
Eilidh -- Luchag Bhochd

GunChleoc
Rianaire
Posts: 4523
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by GunChleoc » Wed Mar 20, 2013 6:41 pm

Tha beum air an o ach chan eil e fada, mar sin chan eil sràc air.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Thu Mar 21, 2013 9:51 am

Tapadh leat, a GhunChleoc!
Eilidh -- Luchag Bhochd

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Fri Mar 22, 2013 5:48 pm

Chan eil mi air tuigsinn a h-uile rud, ach tha feadhainn den fhacail seo glè inntinneach (Nàidheachdan BBC):
Agus gun robh iad airson seasamh gualain ri gualain ris na h-Uibhistich mu dheidhinn nach robhar ag iarraidh a' Finlaggan air an t-slighe a tha siud anns a' Gheamhradh tuilleadh
:?:
Eilidh -- Luchag Bhochd

Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by Thrissel » Fri Mar 22, 2013 6:57 pm

стоять плечо к плечу с Уистскими
Last edited by Thrissel on Sat Mar 23, 2013 11:58 am, edited 1 time in total.

poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 7:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by poor_mouse » Sat Mar 23, 2013 9:22 am

O! S' e seo:
Am Faclair Beag wrote:gualann /guəLəN/
boir. gin. guailne, iol. guailnean
Cha do lorg mi "gualain", ach mar "carbon"! :mc:
Mòran taing!
Eilidh -- Luchag Bhochd

akerbeltz
Rianaire
Posts: 1757
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: What does it mean? Various questions

Unread post by akerbeltz » Sat Mar 23, 2013 12:49 pm

Àidh, sin e, tha gualainn 'ga chleachdadh mar an tuiseal ainmearach ann an cuid a dh'àitichean. Agus chan eil am BBC ro mhath air litreachadh ach air an làimh eile, 's e sgioba beag a th' ann 's chan eil cus tìde aca rudan mar seo a sgrìobhadh.

Post Reply