Earmuffs (ear defenders)
- Droigheann
- Posts: 35
- Joined: Mon May 01, 2017 7:35 pm
- Language Level: meadhanach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Roinn-Eòrpa
Earmuffs (ear defenders)
Lorg mi "earmuffs" air an eadar-theangachadh mar "mhùtanan-cluaise", ach tha seo a' ciallachadh (mar a tha amharas orm) dìreach an seòrsa a chleachdas daoine airson an cluaisean a chumail blàth, no am faod seo cuideachd a bhith "calque" airson an t-seòrsa a dhìonas na cluaisean bho fharam? Agus ma tha gu dearbh dìreach an dara seagh aig an abairt, a bheil tè ann idir aig a tha an seagh eile?
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Earmuffs (ear defenders)
Seadh, a-rèir an fhaclair, seo an fheadhainn a chumas blàth thu.
A thaobh na feadhna an aghaidh fuaime, saoilidh mi gum biodh "mùchadairean-cluaise" (o mhùchadh, cleachdaidh sinn seo airson "mute button" cuideachd) freagarrach, ach chan eil sgot agam an ceachd duine beò seo gus nach cleachd.

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
- Droigheann
- Posts: 35
- Joined: Mon May 01, 2017 7:35 pm
- Language Level: meadhanach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Roinn-Eòrpa
Earmuffs (ear defenders)
Uill, channainn gum bi agamsa air cleachdadh 'earmuffs' fhèin gus/mura faic mi fileantach air choireigin a' cleachdadh facal 'Gàidhlig', chan eil mi ro mheasail agus gum biodh luchd-ionnsachaidh neo-fhileanta mar mise a' brosnachadh faclan ùra air nach eil fileantaich eòlach. Mòran tang co-dhiù!
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Earmuffs (ear defenders)
Mar a chanas na Gearmailtich, cha leig sinn a leas an leanabh a dhòrtadh air falbh an cois uisge an amair ... cleachdaidh mi faclan ùra mar sin le luchd-ionnsachaidh eile no daoine le Gàidhlig on ghlùin a tha coma no dèidheil air faclan ùra.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
- Droigheann
- Posts: 35
- Joined: Mon May 01, 2017 7:35 pm
- Language Level: meadhanach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: An Roinn-Eòrpa
Earmuffs (ear defenders)
Seadh, thathar ag ràdh sin agus sa Sheacais, ach tha thusa nad fhileantach, ged nach eil Gàidhlig a' chiad chànan agad. Mar an ceudna, cha bhi an t-aon eagal orm sa Bheurla, ach leis mo chuid Gàidhlig, bhithinn a' faireachdainn rud beag mar na peacaich seo ...
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Earmuffs (ear defenders)
Chan eil dad cho dona ri GT