Sgrìobh Fionnlagh:
Bu mhiann leam innse dhuibh gum bi Till a toiseachadh a' togail airgiod as a Bhliadhn' Uire airson Aonad sonraichte chur air chois far am bi cursaichean TIP lan thide dh' an deanamh. ....
Sgrìobh Niall
Now this could be a major stumbling block.
There are many Gaelic teachers in Scotland teaching in many different ways -- surely the unit should be open to all of them?
Uill a chàirdean feumaidh mi innse dhuibh gu bheil cruaidh, cruaidh fheum air a leithid aonaid ann an sgìre Inbhir Nis. ’S e cùis-nàire a th’ ann nach eil foghlam làn-thìde ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre inbheach bhon a fhuair Colaisde Inbhir Nis cuidhteas den chùrsa chomais! Agus dhomhsa cha do rinn na buidhnean Gàidhlig gearain gu leòr aig an àm a bha sin. ’S e sin ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus dachaidh oilthigh na Gàidhealtachd. Ciamar fon ghrèin a gheibh sinn adhartas sam bith gun a leithid aonaid ann an sgìre far a bheil taic fada ‘s farsaing don chanan? Abair thusa gur e f2 a th’ ann. Tha oifisean spaideil aig Bòrd na Gàidhlig, CNAG, Clì, msaa ach chan eil togalach ann far am faigh thu àrainneachd Gàidhlig fad an latha airson inbhich. Nach bu chòir do na buidhnean sin a bhith cruinn còmhla mu chuairt seòrsa ‘cultùrlann’ air choireigin far am faigheadh tu beagan còmhradh ‘s craic agus teagaisg agus biadh agus cofaidh? It surely isn’t beyond human endeavour is it?
No ‘s dòcha gu dearbh a tha an t-àm aig Till agus Fionnlagh air tighinn mura bheil na buidhnean oifigeach leis a’ phailteas airgid aca comasach no deònach sin a dhèanamh!
