Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Fealla-dhà is geamannan a chum spòrs agus cothrom do chuid Ghàidhlig a chleachdadh / Fun and games, for fun and a chance to pratice your Gaelic
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by akerbeltz »

Tha sinn ag obair sa Ghàidhlig cuideachd, am faigh sibh fuasgladh air an fhear seo? Agus a bheil fear eile agaibh?

saor saor saor saor saor saor
cò thèid a shaoradh?


Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by Thrissel »

Fhuair mi sa Bheurla gu Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo Buffalo buffalo ach sa Ghàidhlig dìreach gu saor saor saor - tha naisgear no tuiseal gairmeach an-còmhnaidh na chnap-starra romham... Ma dh'fhaodas sin a dhèanamh, gheibheinn gu saor saor saor [gu] saor, ach a sia san t-sreath...
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by akerbeltz »

Cha robh uiread a litrichean ceadaichte mar thiotal air FnaG :naireort:

Àidh, bidh naisgear air choireigin a dhìth mar is trice ach chan eil sin ro dhona, 's e geama th' ann! Chan eil naisgear a dhìth san t-sreath saor saor saor saor saor saor ge-tà, well, chan eil air fear a bhriseas an sreath. Cha duirt mi nach robh naisgear ann 8-)
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by faoileag »

Grrrrrrrrr! :olc:

'S e cadal a tha dhìth ormsa, is seo a-nis! :spors:
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by Thrissel »

akerbeltz wrote:Cha robh uiread a litrichean ceadaichte mar thiotal air FnaG :naireort:
Cha do rinn mi luaidh air tiotal an t-sreatha seo ach air tiotal aiste Uicipeid anns nach eil ach ochd buffalothan.

Co-dhiù, 's mathaid gur e seo am fuasgladh?
(An saor) (saor saor) (saor saor) ([gu] saor)?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by akerbeltz »

Chan e ach deagh oidhirp. Beachd eile? 8-)
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by faoileag »

Dialogue?

- Saor saor saor!
- SAOR saor?
- Saor saor!
- Saor SAOR??
- Saor saor!!
- Saor......saor.....? Saar saor....! Saor saor saor!!!!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by akerbeltz »

LOL chan e, dìreach abairt. Seo oidheam no dhà:

saor 1: gnìomhair
saor 2: ainmear
saor 3: buadhair 1
saor 4: naisgear
saor 5: ainmear
saor 6: buadhair 2
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by Thrissel »

Scheiße, bha mi a' mìneachadh co-naisgeadh seach naisgear :mhoire: agus cha do mhothaich mi ann an Dwelly gum b' e an naisgear "saor" ann idir! :mhoire:

Ach... nuair nach eil ach aon shaor (ainmear) ann, ciamar a shàradh thu esan gun a bhith ga shàradh fhèin?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by akerbeltz »

aon saor (gun sèimheachadh)

A chionn 's gu bheil dà shaor ann... can gu bheil buidheann de shaoir agad 's cuideigin ag iarraidh ort seo: free a noble joiner (from amongst those people) save (for) a free joiner i.e. except if he's free already.

Car contrived ach sin mar a tha na buabhallan cuideachd :)
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by Thrissel »

Chì mi. 'S ann car contrived ach tha e math a dh'aindheoin sin.

Eadar dà sgeul, 's aithne dhomh coire /kɔrʲə/ is coire /kɤrʲə/, ach a bheil facal sa Ghàidhlig a dh'atharrachas fhuaimneachadh nuair a tha e air a sgrìobhte le litir mhòr, mar a tha sa Bheurla? ('S e ceist, chan eil an fhreagairt agam.)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by akerbeltz »

errr... an tachair sin sa Bheurla?

Tha mac Phàdraig (2 bheum) agus MacPhàdraig (1 bheum) ann ach tha beàrn eadar ann a bharrachd air litrichean mòra. Cuimhnich nach eil litrichean mòra cho pailt san sgrìobhadh Ghàidhealach 's a tha iad ann am Beurla, ged a tha gnàthasan na Beurla a' bualadh a-steach air a' Ghàidhlig an-diugh.

O seadh.. ainmean àite... cf dùn àlainn /'duːn 'aːLɪNʲ/ agus Dùn Àlainn /dun'aːLɪNʲ/

A bheil buabhall aig duine sam bith eile? Smaoinich mi air oir oir oir ach chan eil ann ach trì faclan :naire:
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by Thrissel »

Taing. Chanainn gun dèan dùn àlainn/Dùn Àlainn amsaa an gnothach, ged nach eil an diofar cho mòr ri polish/Polish.
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by poor_mouse »

Thrissel wrote:cha do mhothaich mi ann an Dwelly gum b' e an naisgear "saor" ann idir!
Cha do mhothaich no mise...
Mòran taing, Akerbeltz chòir!
Eilidh -- Luchag Bhochd
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Buffalo buffalo Buffalo buffalo buffalo buffalo...

Unread post by GunChleoc »

Dè mu dheidhinn:

Nì nì nì
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply