Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Fealla-dhà is geamannan a chum spòrs agus cothrom do chuid Ghàidhlig a chleachdadh / Fun and games, for fun and a chance to pratice your Gaelic
agasgoil
Posts: 29
Joined: Thu Dec 20, 2007 5:17 pm
Corrections: I'm fine either way

Unread post by agasgoil »

Tha mi ann an Las Vegas. Bidh mi ag obair a-huile h-oidhche agus cha deach mi dhan leabaidh fhathast.


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha i còig mionaidean an dèidh aon uair deug is leth uair.

11:35
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Unread post by faoileag »

agasgoil wrote:Tha mi ann an Las Vegas. Bidh mi ag obair a-huile h-oidhche agus cha deach mi dhan leabaidh fhathast.
O mo chreach! Ag obair fad na h-oidhche! Dè an obair a th' agad?

Nise, chì mi.... feumaidh gu bheil e dà mhionaid air fhichead às dèidh naoi ann an Las Vegas an-dràsda.... :? .....no nach eil? Chan eil mi math air matamataigs! 8-)
agasgoil
Posts: 29
Joined: Thu Dec 20, 2007 5:17 pm
Corrections: I'm fine either way

Unread post by agasgoil »

'S e BlackJack, Bacarrat, Roulete Dealer a th' annam.
Tha i mu leth uair as dèidh sia 'sa mhadainn an-dràsda. (about 6:30am).
7 or 8 hours difference??
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha i còig mionaidean an dèidh naoi uairean is leth uair.

Tha i còig mionaidean deug air fhichead an dèidh naoi uairean.

9:35
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
eideard
Posts: 111
Joined: Sun Oct 28, 2007 11:49 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: 44º10'N 77º23'W

Unread post by eideard »

GunChleoc wrote: Tha i còig mionaidean deug air fhichead an dèidh naoi uairean.

9:35
Tha e còig mionaidean fichead gu deich.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Unread post by GunChleoc »

Tha gu dearbh :D

9:22

Dà mhionaid air fhichead an deidh naoi uairean sa mhadainn
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by GunChleoc »

Tha e leth uair an dèidh ochd

8:30
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by AlasdairBochd »

Tha e fichead mionaid an dèidh naoi uairean an-dràsda. Tha sin ro anmoch air mo shon.
Feumaidh mi èirich aig coig uairean 'sa mhadainn airson a dhol do m' obair. Uabhasach , nach eil ?
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by GunChleoc »

Uabhasach gu dearbh :mc:

Feumaidh mi èirigh, èirich is the verb ;)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by AlasdairBochd »

Tapadh leatsa. Bha dà bheachd agam ach thagh mi am fear ceàrr. :naire:
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by GunChleoc »

Thachair sin agus riumsa gu tric ;)
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by Thrissel »

AlasdairBochd wrote:Feumaidh mi èirich aig coig uairean 'sa mhadainn airson a dhol do m' obair. Uabhasach , nach eil ?
Na innis dhomhsa! Am bidh an obair agadsa air a tòiseachadh aig sia uairean cuideachd? Bha mi a' smaoineachadh nach b' e ach sinne anns an dùthaich seo a bha cho gòrach agus an àbhaist sin againn! :roll:
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 9:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by AlasdairBochd »

Tòisichidh mi aig seachd uairean ach feumaidh mi draibheadh fad uair a thìde ( mu 70 Km) gu m' obair. Tha an fhìrinn ann ged-thà, sin an uair as fheàrr an latha. Cha bhith duine ann agus bidh mi leam fhìn air fad. Th' e math. :)
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Dà-chànanach: Dè an uair a tha e? / How late is it?

Unread post by Thrissel »

Chì mi; 's urrainn dhomh sin a thuigsinn. Leis an fhìrinn innse, ged 's beag orm mocheirigh, bidh mi ag èirigh nas tràithe na dh'fheumas mi, airson cofaidh a ghabhail gun chabhag mus falbh mi a dh'obair...
Post Reply