Page 1 of 1

Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Mon Dec 17, 2012 11:43 pm
by GunChleoc
Nollaig chridheil dhuibh uile! Tha mi 'n dòchas gum bi deagh àm na Nollaige agaibh uile. Tha mi a' sgrìobhadh seo caran tràth oir tha mi gu bhith falbh. Na losgaibh an t-àite seo fhad 's nach urrainn dhomh sùil a thoirt air! :spors:

Happy Christmas to you all! I hope you all have a great Christmas time. I'm writing this a bit early, because I'll be leaving soon. Don't burn the place down while I can't keep an eye on things!

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Tue Dec 18, 2012 6:33 am
by poor_mouse
Mòran taing, a GhunChleoc! Bliadhna mhath agus Nollaig chridheil dhut!
Laithean-saora sona dhut agus tha sinn an dòchas gum bi thu slàn sabhailte air ais!

Bidh sinne glè mhodhail agus a' sgrìobhadh 's a' leughadh Gàidhlig mar is fhearr a dh'fhaodas sinn. :priob:

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Tue Dec 25, 2012 6:50 am
by Neas Olc
Nollaig Chridheil dhutsa cuideachd!

Tha e faisg air uair 'sa mhadainn, ach an àite cadail tha mi a coimhead air seann filmichean Nollaig.

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Wed Dec 26, 2012 3:04 pm
by GunChleoc
An robh na filmichean math?

Were the films good?

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Wed Dec 26, 2012 7:12 pm
by poor_mouse
Am faca sibh "Whisky Galore!", a Neis? 'S e am film as fhearr leam, agus tha faclan Gàidhlig ann a bharrachd air sin.

Have you seen "Whisky Galore!"? It' my favorite film, and besides there are some Gealic words in it.

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Wed Dec 26, 2012 7:53 pm
by Thrissel
Chan eil mise air am fiolm fhaicinn ach le tuiteamas tha mi a' leughadh an leabhar an-dràsta - an siathamh turas no rudeigin mar sin...

I haven't seen the film myself but by accident I'm currently reading the book - for the sixth or so time...

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Thu Dec 27, 2012 12:55 am
by alasdair_maolchriosd
Chì thu Eilean Barraidh anns a' film, mar a bha e anns na 1950's

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Thu Dec 27, 2012 9:38 am
by poor_mouse
Tha Eilean Barraidh glè àlainn, ach tha na daoine nas fhearr, tha mi den bheachd.
Am bodach seo san leabaidh, mar eisimpleir, còmhla ri uisge-beatha anns a' bhotal-teth aige fhèin! Tha sin gluaisteach gu dearbh.

The Isle of Barra is very fine, but the people are better in my opinion.
This old man in the bed, for example, with whisky in his hot-water bottle! Very touching indeed.

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Fri Jan 11, 2013 11:23 pm
by GunChleoc
Chan fhaca mi am film ach leugh mi an leabhar a tha gu math èibhinn :lol:

I haven't seen the film but I have read the book which is pretty funny

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Sat Jan 12, 2013 8:31 pm
by poor_mouse
Gu mì-fhortanach, cha do leugh mise an leabhar.
Tha am film seo math: tha a h-uile pearsa gu math fìor, mar a bhiodh tu a' coimhead air beatha nan daoine simplidh san fhìorachd; cha bhiodh tu a' cuimhneachadh mu dheidhinn rudan sam bith mar actairean, cnàmh-sgeul agus msaa.
'S e deagh obair le Alexander Mackendrick a tha ann, nam bheachd sa.

Unfortunately I haven't read the book.
The film is good: all the personages are very real, as if you are watching the life of the simple people in reality; you would not remember about such things as actors, scenario etc.
It's a good work of Alexander Mackendrick, I think.

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Mon Jan 14, 2013 12:01 am
by Seonaidh
GC wrote:Chan fhaca mi am film ach leugh mi an leabhar a tha gu math èibhinn

I haven't seen the film but I have read the book which is pretty funny
Nach ciallaich thu - Don't you mean:-

Chan fhaca mi am film ach dh'òl mi an deoch a tha gu math làidir

I haven't seen the film but I have drunk the liquor which is pretty strong...

:amach:

Re: Nollaig chridheil dhuibh / Happy Christmas

Posted: Mon Jan 14, 2013 4:24 pm
by GunChleoc
Uill, 's ann gun do rinn mi seo cuideachd Image

Well, i did that as well...