Page 2 of 104

Posted: Tue Oct 02, 2007 11:11 am
by miguel
GunChleoc wrote:software
softbhaire ? :lol:

Tha mi ag obair, agus ag òl cofaidh.
I'm working, drinking some coffee.

Posted: Tue Oct 02, 2007 11:19 am
by GunChleoc
Smaoin matha th' agad, nì mi fhìn cupa eile.
Good idea, I'll make another cup myself.

Posted: Tue Oct 02, 2007 11:51 am
by iolair
Madainn mhath dhuibh,

Tha mi nam shuidhe an-seo comhla ri mo chu. Tha mise a' leughadh na naidheachdan agus ag ol cofaidh.

Good morning to you,
I'm sitting here with my dog. I'm reading the news and drinking coffee.

Posted: Tue Oct 02, 2007 6:21 pm
by Bhoniar
tha mi ag obair anns an oifis agam agus chan eil mi ag iarraidh a bhith an sheo. bah.

I am at work in my office and I don't want to be here.

Posted: Wed Oct 03, 2007 8:40 pm
by GunChleoc
Tha mi sona, 's e saor-latha a bh' ann anns a' Ghearmailt an-diugh.
I'm lucky, it was a holiday in Germany today.

Posted: Thu Oct 04, 2007 9:24 am
by Níall Beag
Tha mi a' sgriobhadh leasanan Beurla.
I'm writing English lessons.

Posted: Thu Oct 04, 2007 5:41 pm
by *Alasdair*
Tha mi a' dèanamh mapa de Dolar a-nis!
I am making a map of Dollar now!

Bha mi aig sgoil...
I was at school....

Posted: Fri Oct 05, 2007 9:22 pm
by Coinneach Cìr
miguel wrote:
GunChleoc wrote:software
softbhaire ? :lol:
Bathar bog.

Posted: Sun Oct 07, 2007 11:10 am
by Fear Gallta
Bidh mi a' dol a-mach cuairt leis a' chù a dh' aithghearr.
I'll be talking the dog out for a walk soon.

Posted: Sun Oct 07, 2007 3:49 pm
by GunChleoc
Sgrìobh mi IP Ban airson làrach-lìn eile. Tha cus amadain ghòrach ann an-siud.
I wrote an IP Ban for another site. There are too many stupid idiots over there.

Posted: Mon Oct 08, 2007 9:43 pm
by Gràisg
An-dè chunnaic mi Seachd agus an-diugh chunnaic mi Chuc agus Coinneach.
:)


Yesterday I saw Seachd and today I say Chuc and Coinneach

Posted: Tue Oct 09, 2007 9:29 am
by GunChleoc
Nach fòrtanach a tha thu :D
Aren't you lucky

Posted: Wed Oct 10, 2007 11:12 pm
by *Alasdair*
Chunnaic mi mo charaid nas tràithe, ach a-nis tha mi a' dèanamh 'Gaelic Pastpapers'. Tha iad Meadhan Ìre 1, mar sin tha iad furasta!
I saw my friend earlier, but now i'm doing Gaelic Pastpapers. They are Intermediate 1, so they are easy!

Bidh mi a' dol mo leabaidh aig dà uair dheug uairean. Tha mi sgìth a-nochd.
I will be going to my bed at 12 o'clock. I am tired tonight.

Posted: Thu Oct 11, 2007 5:18 am
by GunChleoc
dà uair dheug is enough, you don't need to repeat the uair. :D

Chan eil cuimhe agam nuair a chaidh mise dhan leabaidh, ach dh' èirich mi ro thrath an-diugh - no chanainn-sa a-nochd? :roll:
I don't remember when I went to bed, but I rose too early today - or should I say tonight?

Posted: Thu Oct 11, 2007 6:20 am
by An Gobaire
Tha mi fhìn aig an taigh an-diugh leis gu bheil an cnatan orm agus fiabhras beag.

I'm at home today because I have a cold and a slight fever.

Chan eil e ceart gu bheil mi tinn air latha cho brèagha, comfhurtail 's a th' againn an-diugh. Ach, sin agad e.

I shouldn't be ill on such a beautiful, comfortable day as it is today. But, there you have it.