Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 4

Posted: Sun Feb 07, 2010 6:30 pm
by An Gobaire
Bu tu an gèadh nam biodh itean ort!

Thathar a' toirt an abairt seo air daoine a bhios a' cumail a-mach gun dèanadh iadsan rudeigin mura b' e......agus leisgeul an cois seo a mhìnicheas carson nach do rinn iad nì àraid air choireigin.

Ràdh aotrom a tha seo, air nach eil coltas cronachaidh sam bith, ach thèid a chantainn mar fealla-dhà beag aotrom, 's dòcha le fiamh a' ghàire caoibhneil air an neach a chanas e.

'S e eun coltach ri tunnag mhòr a th' ann an gèadh.

Ann am Beurla

"You'd be some goose if you had feathers!"

i.e All talk and no action!

Posted: Tue Feb 09, 2010 7:56 am
by GunChleoc
Sa Ghearmailtis: Er verspricht viel, wenn der Tag lang ist.

Geallaidh e iomadh rud ma bhios an latha fada.

Posted: Wed Feb 17, 2010 12:29 am
by faoileag
'S toil leam sin - agus bi cothrom ann tric gu leòr abairt mar sin a chleachdadh! 8-)