Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 14 - Gun ach thig, agus cha tig aige

Posted: Tue May 25, 2010 12:35 pm
by An Gobaire
Gun ach thig agus cha tig aige

Tha seo an ìre mhath co-ionann ann am brìgh ris a' ghnàth-abairt eile seo: Cas a' falbh, is cas a' fuireach aige.

Tha e a' ciallachadh, coltach ri "cas a' falbh, cas a' fuireach" gu bheil neach eadar dà bheachd (no bharail) mu dheidhinn rudeigin.

Mar eisimpleir: Tha e na sheasamh an-siud, agus gun ach thig agus cha tig aige.

Tha e na sheasamh an-siud, agus eadar dà bharail co-dhiù am falbh, no am fuirich e.

Re: Ràdh na Seachdaine 14 - Gun ach thig, agus cha tig aige

Posted: Wed May 26, 2010 3:35 pm
by akerbeltz
saoil a bheil mearachd bheag ann? Tuigidh mi "gun ach thig" ach tha an tionndadh eile ag gràdh "gun a tig"?

Re: Ràdh na Seachdaine 14 - Gun ach thig, agus cha tig aige

Posted: Wed May 26, 2010 11:56 pm
by An Gobaire
Ò, seadh. Is còir dha a bhith mar anns an tiotal.

Gun ach thig, agus cha tig aige.

Re: Ràdh na Seachdaine 14 - Gun ach thig, agus cha tig aige

Posted: Thu May 27, 2010 11:28 am
by akerbeltz
:D
Inntinneach ge-tà - uiread a ghnàthasan-cainnt' a thaobh dhaoine ann an dà inntinn!

Re: Ràdh na Seachdaine 14 - Gun ach thig, agus cha tig aige

Posted: Thu May 27, 2010 12:32 pm
by An Gobaire
Gu dearbha, tha mi fhìn feumach orra! 'S mi gun ach thig, agus cha tig agam fad an t-siubhail!

Re: Ràdh na Seachdaine 14 - Gun ach thig, agus cha tig aige

Posted: Thu May 27, 2010 12:43 pm
by akerbeltz
Cuir romhad e, a laochain 8-)