Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 17 - Tachraidh ri uair...

Posted: Wed Jun 30, 2010 1:10 am
by An Gobaire
A bheil cuimhne agaibh gun robh mi a' meòrachadh air abairt ainmeil nach robh air mo mheoghair cho math?

"Tachraidh na daoine ach cha tachair na cnuic"

An-dà, tha abairt eile ann 's a tha an aon bhrìgh oirre. Ach, tha an abairt seo nas fhasa a thuigsinn, nam bharail-sa.

Agus seo e ..."Tachraidh ri uair nach tachair ri aimsir."

'S e sean-fhacal a th' ann, a' ciallachadh gun tachair cuid de dhaoine aig a bheil dàimh shònraichte le tuiteamas, ged nach tachair feadhainn eile ri chèile a-chaoidh. 'S e is ciall dha aimsir san t-seagh seo ach "linn".

Sin agaibh e.. Tachraidh ri uair nach tachair ri aimsir.

Dè na sean-fhaclan/gnàth-fhaclan a th' ann an cànanan eile leithid Frangais, Gearmailtis, Spàinntis, Gàidhlig na h-Èireann 's a leithid a tha co-ionnan ri seo?

Beurla: They may meet in an hour who may not meet in an age.