Cha bu gann nach robh suidhe-suas aig an teaghlach ud.
Tha sibh eòlach air an dà fhacal seo "suidhe" agus "suas"...ach dè as ciall don fhacal fhillte seo "suidhe-suas"anns an t-seagh sa bheil Gàidheal ga tuigsinn?
'S e th' ann ach "aoigheachd ga nochdadh do strainnsearan" agus 's dòcha do choigrich cuideachd.
Mar sin, chanadh tu "cha bu gann nach robh an teaghlach ud fialaidh/a' toirt aoigheachd mhath do strainnsearan"
Ann am Beurla: There was no lack of hospitality shown by that family.
Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas
Dè an diofar a tha eadar "strainnsear" agus "coigreach"? Strainnsear - cuideigin air nach eil thu eòlach ach a tha a' buntainn dhan aon dùthaich/nàisean; coigreach - cuideigin bho dhùthaich/nàisean eileAn Gobaire wrote:'S e th' ann ach "aoigheachd ga nochdadh do strainnsearan" agus 's dòcha do choigrich cuideachd.
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas
Tha iad coltach ri chèile, agus dh'fhaodadh "coigreach" a bhith a' ciallachadh "strainnsear" cuideachd, ach tha brìgh nas fharsainge air "coigreach" nach eil air "strainnsear", agus mar a thuirt thu, sin e dìreach - cuideigin à dùthaich cèin.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Ràdh na Seachdaine 19 - suidhe-suas
A' tuigsinn - taing airson a' mhìneachaidh!