Bha e gus a bhith suas a' bhruthach a' toirt a-mach dreuchd ceannard na buidhne nuair a bhuail droch thinneas air.
Tha abairt Bheurla ann "over the hill" a' ciallachadh gu bheil cuideigin a' fàs sean agus lapach, gu h-àraidh a thaobh gnìomh a b' àbhaist dhaibh a bhith math oirre.
Ged a tha brìgh nam faclan fhèin coltach ris an abairt seo, chan eil an seagh no ciall na h-abairt gu lèir idir co-ionann ris an tè Bheurla - anns an t-seagh sa bheil Gàidheil ga tuigsinn.
Tha an abairt Ghàidhlig a' ciallachadh gu bheil cuideigin faisg air a bhith a' soirbheachadh ann an rudeigin a bha fa-near dhaibh bho chionn fhada. Bha àrd-amas aca no ceann-fàth a bha iad ag iarraidh, bha iad ag obair gus sin a choileanadh agus ma tha iad gus a bhith suas a' bhruthach a thaobh sin, tha iad an ìre mhath air an ceann-uidhe a ruigsinn....
Ràdh 20 - gus a bhith suas a' bhruthach
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact: