A' cur a' chairt ron each
Tràth san fhicheadamh linn, agus fad linntean ron sin, bhathar a' cleachdadh each agus cairt gus falbh air feadh an àite. (Abair sgoilear a th' annam-sa)
Agus, mun robh guth air einnsean no motar, nam biodh cairt ann gun each, cha bhiodh e gu mòran feum!
Air an aon dòigh cheudna, cha bhiodh e gu feum sam bith nan rachadh an cairt a chur air thoiseach air an each...oir, cha tarraing cairt each. (Mura h-e each glè bheag a th' ann agus cairt trom a' dol sìos le bruthach ga shlaodadh às a dhèidh!)
Co-dhiù, tha mi a' dol air dheireadh air mo sheanchas.
Mar sin, seo eisimpleir den abairt seo ann an cleachdadh:
Tha Bòrd Turasachd na h-Alba a' cur a' chairt ron each a thaobh goireasan ann a bhith a' tàladh coigrich à Sasainn agus tìrean cèin.
Tha seo ag ràdh gu sìmplidh, gum bu chòir don Bhòrd goireasan a chur air dòigh mus tòisich iad air luchd-turais a thàladh gu Alba.
Mar sin, ma tha thu a' cur a' chairt ron each a thaobh rudeigin no gnìomh, tha thu ga dhèanamh ro chabhagach, no ro thràth. A' dèanamh rudeigin an toiseach a bu chòir dhut dèanamh an dèidh rudeigin eile!
An e an ràdh Beurla "Running before you can walk." as coltaiche ris?
Ràdh 21 - A' cur a' chairt ron each
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Ràdh 21 - A' cur a' chairt ron each
Tha ràdh Beurla ann a tha co-ionnan - Put the cart before the horse
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Ràdh 21 - A' cur a' chairt ron each
Tha mi eòlach air an fhear seo ach mar a' cur na cartach air thoiseach air an each. An dearbh chiall ge-tà.
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Ràdh 21 - A' cur a' chairt ron each
Cha robh mi eòlach air an fhear Bheurla.GunChleoc wrote:Tha ràdh Beurla ann a tha co-ionnan - Put the cart before the horse
Dèan buil cheart de na fhuair thu!