Ràdh 26 - Chan eil sgrios air nach....

Abairtean air an cruinneachadh leis a' Ghobaire agus eisimpleirean de an cleachdadh. Gabhadh sibh uile pàirt anns an deasbad. / Expressions collected by An Gobaire with examples of use. Everybody is welcome to join in the discussion.
An Gobaire
Posts: 668
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Ràdh 26 - Chan eil sgrios air nach....

Unread postby An Gobaire » Sun Sep 12, 2010 8:30 pm

Tha seo air a chleachdadh ann an dòigh coltach ri "Chan eil rian nach...."

Chan eil sgrios air nach eil fios aige. - Chan eil rian nach eil fios aige.

Coltach ri..."He's bound to know" sa Bheurla
Dèan buil cheart de na fhuair thu!

User avatar
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Ràdh 26 - Chan eil sgrios air nach....

Unread postby Thrissel » Mon Sep 13, 2010 7:04 pm

'S mathaid gu bheil "There's no way he doesn't know" eadar-theangachadh eadhon nas fhaisge oirre - air "chan eil rian nach" co-dhiù?

An Gobaire
Posts: 668
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Ràdh 26 - Chan eil sgrios air nach....

Unread postby An Gobaire » Mon Sep 13, 2010 7:09 pm

Ceart. Ach 's e sin an aon chiall ri 'bound to'!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!

faoileag
Maor
Posts: 1384
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Re: Ràdh 26 - Chan eil sgrios air nach....

Unread postby faoileag » Mon Sep 20, 2010 4:25 pm

A bheil sin an còmhnaidh le 'air' (='on IT' - neo-phearsanta), no am bi e ag atharrachadh leis a' ghnè bhoireann?

m.e. Chan eil sgrios oirre nach eil fios aice ??


Agus an urrainn dhut a chleachdah le 'gun' an àite 'nach'?

m.e. Chan eil sgrios air gum bi fios aige (=There's no way he'll know that) ??

An Gobaire
Posts: 668
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Ràdh 26 - Chan eil sgrios air nach....

Unread postby An Gobaire » Mon Sep 20, 2010 5:00 pm

Chan fhaca mi e ach ga chleachdadh mar a sgrìobh mi e.

Agus, chan eil coltas ceart air na h-eisimpleirean agad ach...ma dh'fhaoidte gum bi fear eile, Leòdhasach air choireigin, a dh'fhaodas innse dhuinn le cinnt?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!


Return to “Ràdh na Seachdaine”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest