A' fuireach san Eilean Sgitheanach, chan eil latha a chuireas mi seachad nach fhaic mi eun-mara sònraichte air a' chladach no air an traigh ann an Slèite. 'S e sin am brìdean....ach chan e brìdean a chanas a h-uile duine ris agus chan eil mi cinnteach gur e brìdean a chanas na Sgitheanaich ris a bharrachd. Cha chreid mi nach e "brìdean" a chanas na hearaich ris an eun seo ge-tà.
THa na h-ainmean "An Gille-brìghde" agus "An trìlleachan" gu math cumanta cuideachd, a rèir na sgìre sa bheil thu.
Co-dhiù, tha gu leòr shamhlaidhean ann a thaobh cho luath 's a tha neach, no ainmhidh, agus 's e seo fear eile.
Cho luath ri brìdean air an tràigh.
Ma choimheadas tu air gille-brìghde air an tràigh, chì thu cho clis, sgiobalta 's a tha e a' sgiabadh an siud 's an seo.
Ràdh 28 - Cho luath ri brìdean...
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Ràdh 28 - Cho luath ri brìdean...
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Re: Ràdh 28 - Cho luath ri brìdean...
Ann an Colin Mark tha brìd-eun agus gille-brìde agus trìlleachan ann; tha iad uile a' ciallachadh oystercatcher.
Luath agus clis gum teagamh, agus brèagha.
Luath agus clis gum teagamh, agus brèagha.
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Ràdh 28 - Cho luath ri brìdean...
Sin an litreachadh a bha a dhìth orm ma-tà.
A bheil sgeul air "Brìghd'-eun" mar litreachadh air?
A bheil sgeul air "Brìghd'-eun" mar litreachadh air?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
Re: Ràdh 28 - Cho luath ri brìdean...
Chan ann ann an Colin Mark (ach gille-Brìde, air ainmeachadh fo 'trìlleachan').
Ann an Wentworth (Wester Ross) tha 'brìdeán', agus anns an liosta aig Alastair Mac an t-Sealgair, 'brìdein'.
Ann an Wentworth (Wester Ross) tha 'brìdeán', agus anns an liosta aig Alastair Mac an t-Sealgair, 'brìdein'.