Riaghailtean deasachaidh an Fhaclair Bhig

Cuspairean co-cheangailte ri faclaireachd, Dwelly-d agus am Faclair Beag
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Riaghailtean deasachaidh an Fhaclair Bhig

Unread post by akerbeltz »

1. Litreachadh
Tha sinn a' cleachdadh “tionndadh ciallach” de GOC. ’S ciall dha sin gun dèan sinn na leanas:
st anns a h-uile àite
  1. tha sinn a’ cleachdadh é/è agus ó/ò agus á (ach dìreach air á agus ás, chan ann air *Mórág)
  2. tha sinn a’ cur stràcan air litrichean móra: Dùn Éideann, Ìle...
  3. tha sinn a’ cleachdadh d anns na gnìomhairean mì-riaghailteach: déid, deach...
  4. tha sinn a’ cleachdadh a’ chromag ann an ’gam, ’gad... agus ’nam, ’nad...
  5. tha sinn a’ cleachdadh str ann am faclan iasaid ach sr ann am faclan dùthchasach, m.e. stràc, stràbh... ach sròn, srann...
  6. tha sinn a' cleachdadh na gleusan tradaiseanta gus gluasad beum a nochdadh (litrichean móra, tàthain): DiLuain, Dùn Éideann, MacGilleEathain...
  7. chan eil sinn a’ cleachdadh faclan fuadain mar rim, rid...
  8. chan eil sinn a’ cleachdadh u ann an lide gun bheum: doras (seach *dorus)...
  9. chan eil sinn a’ cleachdadh stràcan air fuaimreagan a tha fada air sgàth nan consan ’nan déidh: cill, corr, gearr...
  10. chan eil sinn a' cleachdadh tàthan ás déidh seann, droch, deagh, fìor
2. Gintinn nam foirmean
  1. cuir sùil ghoirid air gach foirm mas e ainmear a tha thu a’ cruthachadh
  2. na gin faclan le tàthan eatarra (chan eil sin ag obair aig an àm seo), m.e. dreathan-donn, taigh-tasgaidh.
  3. ma tha thu airson an gintinn, ’s urrainn dhut sin a dhèanamh ach bidh agad torr dhiubh a chur ceart a làimh oir bidh an gineadair a’ cleachdadh am facal deireannach airson a chruthachadh aig an àm seo.
3. Giorrachaidhean
Tha sinn a’ cleachdadh grunn ghiorrachaidhean sa bhogsa Grammar:
  1. <i>gin.</> (an tuiseal ginideach)
  2. <i>iol.</i> (an t-iolra)
  3. <i>gin. ? iol.</i> (ma tha an tuiseal ginideach is an t-iolra co-ionnan m.e. fitheach » fithich, fithich)
  4. <i>ag.</i> (an t-ainmear gnìomhaireach)
  5. <i>coi.</i> (an cruth coimeasgach de bhuadhair)
4. Fiosrachadh goirid
Na cuir a-steach ach a fiosrachadh as cudromaiche sa bhogsa Grammar:
  1. an tuiseal ginideach is an t-iolra airson ainmearan
  2. an t-ainmear gnìomhaireach airson gnìomhairean
  3. foirmean mì-riaghailteach de bhuadhairean m.e. deirge, miosa...
  4. cum na foirmean cho goirid ’s a ghabhas ach cuideachd cho ciallach ’s a ghabhas. ’S ciall dha sin gum bu chòir dhut sealltainn dé an litir mu dheireadh nach deach atharrachadh mur eil sin soilleir, m.e. fitheach » <i>gin. ? iol.</i> -thich (chan ann dìreach -ich oir faodaidh seo an luchd-ionnsachadh a chur tro chéile a thaobh fitheaich no fithich)
5. Iomadachd chruthan:
  1. Ma tha taghadh ann agus mur eil diofar sam bith ann am fuaimneachadh, gabhaidh sinn ris na cruthan a tha nas giorra. Chan eil diofar sam bith eadar acfhuinn ~ acfhainn ~ acainn > théid acainn a chleachdadh
  2. Mur eil e soilleir dé an cruth as cumanta (m.e. àitichean ~ àitean), cleachdaidh sinn Google Search airson faighinn a-mach dé an cruth a thathar a' cleachdadh nas trice air an lìon agus cleachdaidh sinn am foirm sin san Fhiosrachadh Ghoirid. Ge-tà, seallaidh sinn gach cruth san Fhiosrachadh Iomlan.
  3. Ma tha dà ghnè ri facal, cleachdaidh sinn a' ghnè a tha a-réir na riaghailt caol ~ leathann, m.e. buidheann > leathann > fireann.
  4. Ma tha taghadh ann agus mur eil diofar sam bith ann am fuaimneachadh, gabhaidh sinn ris na foirmean a tha nas giorra. Chan eil diofar sam bith eadar acfhuinn~acfhainn~acainn >>> acainn a' buannachadh
  5. A thaobh fhaclan leis an iar-leasachan -ta no -te, seallaidh am Faclair am fear a tha a' leantainn an riaghailte caol ri caol as fhearr ach leigidh e a-steach na cruthan eile san raon GK cuideachd m.e. ma dh'fhaoidte ('ga shealltainn); GK: ma dh'fhaoidte, ma dh'fhaodte.
6. Ainmean-àite:
  • Ma tha ainmean Gàidhlig a' nochdadh san aon chruth ach le grunn ainmean Beurla, cha bhi ann ach an aon chlàr:
    Gaelic: Achadh a' Chàirn
    English Keywords: Auchencairn
    English: 1 Auchencairn (S Ayrs) 2 Auchencairn (C Glas)

    Gaelic: Am Baile Siar
    English Keywords: Balshare, Baleshare, Bail Sheer
    English: 1 Balshare (W Isls) 2 Baleshare (Highld) 3 Bail Sheer (Highld)
  • Ma bhios diofar ainmean Gàidhlig ann, cleachd barrachd air aon chlàr (agus fàg às an geodata ma thachras sin):
    Gaelic: Bealach
    English Keywords: Balloch
    English: Balloch (W Dumb)

    Gaelic: Baile an Locha
    English Keywords: Balloch
    English: Balloch (Highld)
  • Cuir ainm na comhairle (sa chruth ghoirid) air cùlaibh gach ainm Beurla; nì sin a' chùis mar is trice cus diofar a dhèanamh eadar àitichean air a bheil an dearbh ainm ach mur eil, cleachd do thoinisg :)
  • Seo liosta nan comhairlean:
    Aber C
    Abers
    Angus
    Ag&B
    Border
    C Edin
    C Glas
    Clacks
    D&G
    Dund C
    E Ayrs
    E Duns
    E Loth
    E Rens
    Falk
    Fife
    Highld
    Inver
    Mdloth
    Moray
    N Ayrs
    N Lans
    Ork
    P&K
    Rens
    Shet
    S Ayrs
    S Lans
    Stirlg
    W Isls
    W Duns
    W Loth
7. Rudan eile:
  1. Bidh faiceallach leis na stràcan ann an Renton/MacDonald, tha iad cearr uaireannan m.e. dion (seach dìon). Mar is trice, chì thu faclan ann an Dwelly leis na stràcan ceart agus lean Dwelly a thaobh sin.
  2. Ma thachras tu air dà fhacal leis an dearbh chiall ag le diofar san sgrìobhadh, fàg aig taobh am facal is cuir post-dealain thugam, m.e. airgead ~ airgiod
8. Beurla
  1. San raon EK (English Keywords), cleachdar na trì diofar cruthan aig ainmearan fillte ma tha imcheist, m.e. lawn-mower, lawn mower, lawnmower agus cleachdar an tionndadh as cumanta san raon CEE (Concise English Entry)
  2. Airson àite a shàbhaladh, gabhaidh abairtean a ghiorrachadh le / ma cheadaicheas an abairt (m.e. sweep/brush the floor) ach feumar an dà abairt shlàn san raon EK (m.e. sweep the floor, brush the floor)
  3. A thaobh BE (British English)/AE (American English), cuirear an dà chruth ri EK ach dìreach BE san CEE
’S fhearr ceist a chur mus cruthaich thu rud seach a chur ás déidh na cùise


faoileag
Maor
Posts: 1505
Joined: Fri Jan 25, 2008 12:19 am

Re: Riaghailtean deasachaidh an Fhaclair Bhig

Unread post by faoileag »

Tha sin uabhasach feumail! Mòran taing airson do mhìneachaidh. :D
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Riaghailtean deasachaidh an Fhaclair Bhig

Unread post by akerbeltz »

'S e do bheatha! 'S e rud airson na deasaichean a th' ann gu ìre ach mar a thuirt thu, tha e sealltainn ciamar a thig sinn gu co-dhùnadh :)
Post Reply