Bhòtadh san Fhaclair Bheag? Carson a dhèanainn sin?

Cuspairean co-cheangailte ri faclaireachd, Dwelly-d agus am Faclair Beag
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Bhòtadh san Fhaclair Bheag? Carson a dhèanainn sin?

Unread post by akerbeltz »

Na leugh sibh a-riamh aiste le cuideigin a dh'ionnsaich Gàidhlig a bha loma-làn de dh'fhaclan neònach a thog iad à Dwelly? No bheil facal ann as fhìor thoigh leibh no as beag oirbh? Ma bhòtas sibh san Fhaclair Bheag, tha cothrom agaibh beachdan mar sin a nochdadh. Ma bhios gu leòr daoine a' bhòtadh, cuidichidh sin daoine, an dà chuid an luchd-ionnsachaidh agus daoine le Gàidhlig on ghlùn a tha a' cleachdadh an fhaclair 's eadar dà bheachd a thaobh facail. Mar a tha ar suaicheantas ag innse, cainnt nan daoine, leis na daoine, airson na daoine.

Bheil e doirbh? An doir e ùine fhada? Am bi agam ri dhol tro dhuilleagan is duilleagan de dh'fhaclan? Chan eil, cha doir 's cha bhi. Tha e furasta. As dèidh dhuibh bruidhinn ri Mìcheal "Akerbeltz", cuiridh e cunntas air dòigh dhuibh. Leis a' chunntas sin, 's urrainn dhuibh logadh a-steach:

Image

A bharrachd air na rudan àbhaisteach a chì sibh ann, bidh 3 rionnagan bàna eile ann (ri taobh nam faclan 's abairtean):

Image

Sin na rionnagan bhòtaidh. Ma dh'fhanas sibh os cionn aonan dhiubh, innsidh am faclair dhuibh dè roghadh is taghadh a th' agaibh:

Image
Image
Image

Mar sin dheth, tha trì roghainnean agaibh. 'S urrainn dhuibh innse gun cleachd sibh facal sibh fhèin ('s e sin active use) ma bheir sibh dha trì rionnagan, no gun tuig sibh facal ma chanas cuideigin eile e ach nach can sibh e sibh fhèin (sin passive understanding) ma bheir sibh dha dà rionnag no nach eil spùt agaibh dè tha e ciallachadh (aon rionnag).

Can gu bheil sibh airson innse gun cleachd sibh am facal. Fanaibh os cionn an treas rionnag agus briogaibh air aon turas. Fanaidh na rionnagan gorm a-nis:
Image

Dè an diofar ma-tà? Uel, chunnaic sibh gun robh trì rionnagan bàna aig an fhacal seo roimhe. Dh'innis sin do dhaoine nach eil duine air bhòtadh gu ruige seo. Ach ma nì cuideigin eile lorg a-nise, chì iad seo:

Image

Ma ghluaiseas iad os cionn nan rionnagan, chì iad gu bheil earbsa san fhacal:
Image

Air neo, nam biodh sibh air aon rionnag a thoirt seachad, chitheadh iad seo:
Image

'S e aggregrate a th' anns an sgòr seo. 'S ciall dha sin gun atharraich e taobh seach taobh ma bheir daoine eile seachad bhòtaichean eile. Can nan doireadh deichnear seachad trì rionnagan agus aonan aon rionnag. Bidh trì rionnagan aig an fhacal an uairsin. Agus mar sin sìos.

Tha gleus snog a bharrachd againn - na mapaichean. Bheir sin stiùireadh do dhaoine cuideachd a thaobh faclan no abairtean a tha cumanta ann an aon sgìre ach nach cleachdar ann an sgìre eile:
Image

Chan e rud foirfichte a th' ann ach mar is pailt a bhòtas sibh, 's ann as fhearr a dh'fhàsas e. Agus na gabhaibh dragh, chan fhaic daoine cò sibhse no càit a bheil sibh a' fuireach. Tha na comharran ud air a' mhapa faisg air an àite cheart ach chan ann gu mionaideach. Can ma tha sibh a' fuireach aig 277 Dumbarton Road ann an Glaschu - cha chuir sin comharra air an togalach sin. Cuiridh sin e, can, am meadhan pàirc Achadh a' Mhansa.

Seo cothrom agaibh ma tha taic a chumail ris na ceudan de dhaoine ach am bi fios nas fhearr againn uile dè na faclan is abairtean a tha beò fhathast. Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail, togaibh am peann digiteach agaibh 's sgrìobhaibh post-d do Mhìcheal aig fios (aig) akerbeltz (puing) org!


Post Reply