Page 2 of 2

Re: Faclair Beag

Posted: Thu Mar 13, 2014 9:49 am
by akerbeltz
Nach e /ɔ çʲũːN/ ?
Chan e, tha /ç/ palatal co-dhiù, chan eil feum air comharradh palatalized /ʲ/ 'na cheann
Nach eil fuaimreag-chòmhnaidh ann eadar r agus m?
Chan fhaighear fuaimreag-chòmhnaidh an dèidh fhuaimreagan fada (agus tha dipthongs a' cunntadh mar fheadhainn fhada)

8-)

Re: Faclair Beag

Posted: Thu Mar 13, 2014 1:11 pm
by poor_mouse
Mòran taing!

Re: Faclair Beag

Posted: Fri Mar 13, 2015 8:55 am
by poor_mouse
Agus dè mu dheidhinn tar-sgrìobhadh don tuiseal ghinideach agus msaa?
Nach biodh sin fìor chuideachail!
Mar eisimpleir:
clach /kLax/
boir. gin. cloiche, iol. -an
Ciamar a chanadh tu "cloiche" (le [ɔ] no le [ɤ])?

Re: Faclair Beag

Posted: Fri Apr 10, 2015 12:19 pm
by GunChleoc
Saoilidh mi gum biodh seo feumail.

Faclair Beag

Posted: Tue Apr 19, 2016 6:47 pm
by akerbeltz
Hm, 's dòcha uaireigin. Obair gu leòr 'na lùib mu thràth as aonais sin.