Matamataig

Cuspairean co-cheangailte ri faclaireachd, Dwelly-d agus am Faclair Beag
ctrnmorr
Posts: 2
Joined: Tue Sep 07, 2010 9:28 pm
Language Level: Fluent
Location: Scotland

Matamataig

Unread post by ctrnmorr »

Mhothaich mi do chlaonadh stannardach. Tha claonadh àbhaisteach a' nochdadh sna leabhraichean matamataig airson standard deviation.


akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Matamataig

Unread post by akerbeltz »

Seadh, chan eil a h-uile duine air an aon ràmh a thaobh briathrachais. 'S e an duilgheadas gu bheil normal agus standard a' ciallachadh dà rud gu math eadar-dhealaichte agus tha fiù rud ann mar standard normal deviation agus ma chleachdas sinn àbhaisteach an dà chuid airson normal agus standard, bidh sinn ann an staing. Claonadh àbhaisteach àbhaisteach? :?
Tha stannardach nas soilleire air fad agus chan e fiù facal ùr a th' ann (faic Dwelly fo stannart agus stanard)
ctrnmorr
Posts: 2
Joined: Tue Sep 07, 2010 9:28 pm
Language Level: Fluent
Location: Scotland

Matamataig

Unread post by ctrnmorr »

Tha fios a'm! 'S ann a bha mi an dùil gun robh sibh a' cruinneachadh gach rud a tha a' dol.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Matamataig

Unread post by akerbeltz »

Tha agus chan eil. Tha fàilte, gun teagamh sam bith, ro fhaclan stèidhichte nach eil sna faclairean (tha pailteas dhiubh ann). Le faclan ùra, tha sinn beagan nas fhaiceallaiche oir tha mòran dheth ann a tha 'na sgudal gun fheum (mar eisimpleir na rudan ann an The Gaels Have A Word For It) oir ma chuireas sinn dhan fhaclair iad, tha cunnart gun sgaoil sin sgudal aig a' cheann thall, rudan a tha airidh air toll dubh agus leac mhòr orra, seach àrd-ùrlar.

Agus tha raon mòr liath eadar an dà rud agus tha claonadh àbhaisteach 'na theis-mheadhan agus tha e doirbh co-dhùnadh dè 's fhearr.
Post Reply