Opera 11 sa Gàidhlig!
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Opera 11 sa Gàidhlig!
Nollaig chridheil a chàirdean - an turas mu dheireadh le tiodhlag am bliadhna-sa ge-tà
Tha Opera 11 ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis agus a-rithist (bha tionndadh Gàidhlig dheth ann gu Opera 5.x). Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh:
1) Stàlaich Opera 11 (Beurla)
2) Rachaibh gu http://www.opera.com/download/languagefiles/ 's faighibh am faidhle ouw1100_gd.lng aig Scottish Gaelic > 11.0
3) Sàbhailibh am faidhle. Tha misa 'ga chur ann an Program Files > Opera > locale (far a bheil faidhle na Beurla cuideachd)
4) Tha Installation Instructions air http://www.opera.com/download/languagefiles/ ach tha diofar beag eatarra 's Opera 11, seo dhuibh mìneachadh ùr ma-thà:
5) Briogaibh air Menu > Settings > Preferences > Details > User Interface Language > Select > taghaibh am faidhle ouw1100_gd.lng far an do dh'fhàg sibh e
6) Briogaibh OK.
7) Cha-chinnngggg .... Gàidhlig
Agus gabhaibh mo leisgeul - tha rudan beaga cearr leis an spacing ann an cuid a dh'àitichean agus mearachdan beaga leis a' Ghàidhlig an-siud 's an-seo. 'S e fìor Mharathon a bh' ann agus cha d' fhuair mi cothrom ceartachaidh idir an turas seo ach bheir mi m' fhacal dhuibh gun cuir mi ceart iad!
Gabhaibh tlachd ann!

Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★

- Posts: 1549
- Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
- Language Level: Caran robach sna laithean seo
- Location: Inbhir Narann
- Contact:
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
Sin thu fhèin Akerbeltz!
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
'S math a rinn thu! A' chiad bhathar-bhog sa Ghàidhlig a thòisich mi air cleachdadh...
Mhothaich mi dha aon typo beag: ann an clàr-iùil a' bhriogaidh dheis: Gearr - Dèan lethbreac - Cuir annn - Sguab às
Mhothaich mi dha aon typo beag: ann an clàr-iùil a' bhriogaidh dheis: Gearr - Dèan lethbreac - Cuir annn - Sguab às
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
Mo chreach, ceud taing, chuir mi ceart sin 's nochdaidh e aig an ath-ùrachadh! Agus tha mi toilichte chluinntinn gu bheil Gàidhlig aig do choimpiutair a-nis, Thrissel
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
Aidh, chan e duine as luaithe a th' annamsa, nas coltaiche ri 'gu slaodach ach gu cinnteach'...
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
tha fhios, "cha bhi luathas agus grinneas an cuideachd a chèile" ach b' fheudar dhomh cabhag a dhèanamh an turas seo
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
O mo chreach (air neo mea culpa), cha do bhuail e mo cheann gum faodar am mìneachadh sin a bhith aig na thuirt mi. I was referring to my taking so long before venturing to switch at least one of my applications from Beurla gu Gàidhlig (tha mi a' cleachdadh Fx is TB cuideachd)...
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
A chàirdean,
Ok, tha an tionndadh mu dheireadh de dh'Opera a-muigh (11.10) - mu dheireadh thall. Chaidh ar dìochuimhneachadh le luchd TF an turas mu dheireadh ach tha sinn ann gu buan a-nis. Uel, fhad 's a mhaireas mise beò co-dhiù. Tha sinn cuideachd ann mar "desktop language" a-nis. 'S ciall dha sin gun dig gach tionndadh de dh'Opera le Gàidhlig 'na bhroinn (an cois nan cànan eile).
Ma bha Opera ann an Gàidhlig agaibh roimhe, bha e car toinnte, sparragach Gàidhlig a chur air ach tha sin fada fada nas fhasa nis. Cuideachd, ma bha e agaibh roimhe, 's mathaid gu bheil sibh air grunn abairtean Beurla fhaicinn am measg na Gàidhlig:
'S e an seann-fhaidhle as coireach às. Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh gus an tionndadh as ùire a chur ann:
Rachaibh gu An clàr-taice > Roghainnean > Roghainnean
Fon taba Coitcheann, chì sibh putan air a bheil Mion-fhiosrachadh
Briogaibh air Mion-fhiosrachadh. Chì sibh seann-slighe an fhaidhle chànain an uairsin.
Briogaibh air Tagh. Chì sibh na faidhlichean cànain uile a gheibhear an cois Opera an uairsin:
Tha Gàidhlig fo gd. Briogaibh air agus an uairsin air an gd.lang:
Briogaibh air Open agus Ceart ma-thà (iomadh turas) an uairsin agus bidh Gàidhlig air feadh Opera an uairsin. An dòchas gun gabh sibh tlachd ann!
Ok, tha an tionndadh mu dheireadh de dh'Opera a-muigh (11.10) - mu dheireadh thall. Chaidh ar dìochuimhneachadh le luchd TF an turas mu dheireadh ach tha sinn ann gu buan a-nis. Uel, fhad 's a mhaireas mise beò co-dhiù. Tha sinn cuideachd ann mar "desktop language" a-nis. 'S ciall dha sin gun dig gach tionndadh de dh'Opera le Gàidhlig 'na bhroinn (an cois nan cànan eile).
Ma bha Opera ann an Gàidhlig agaibh roimhe, bha e car toinnte, sparragach Gàidhlig a chur air ach tha sin fada fada nas fhasa nis. Cuideachd, ma bha e agaibh roimhe, 's mathaid gu bheil sibh air grunn abairtean Beurla fhaicinn am measg na Gàidhlig:
'S e an seann-fhaidhle as coireach às. Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh gus an tionndadh as ùire a chur ann:
Rachaibh gu An clàr-taice > Roghainnean > Roghainnean
Fon taba Coitcheann, chì sibh putan air a bheil Mion-fhiosrachadh
Briogaibh air Mion-fhiosrachadh. Chì sibh seann-slighe an fhaidhle chànain an uairsin.
Briogaibh air Tagh. Chì sibh na faidhlichean cànain uile a gheibhear an cois Opera an uairsin:
Tha Gàidhlig fo gd. Briogaibh air agus an uairsin air an gd.lang:
Briogaibh air Open agus Ceart ma-thà (iomadh turas) an uairsin agus bidh Gàidhlig air feadh Opera an uairsin. An dòchas gun gabh sibh tlachd ann!
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Re: Opera 11 sa Gàidhlig!
Sgoinneil! Mas math mo chuimhne, seo a' chiad ùine a tha mi air rudeigin mar seo a dhèanamh agus sin ag obair sa bhad, gun mhearachd sam bith agam 's a dh'fheumainn a cheartachadh!