Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Fiosrachadh mu gheamannan coimpiutair a tha rim faighinn sa Ghàidhlig - o BhBC Clann gu Strì Bheasnaid
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by akerbeltz »

'S ann le toileachas a tha Akerbeltz a' toirt dhuibh preusant eile, rud spòrsail, aotram èibhinn an triops seo, ged as urrainn dhuibh a chluich làn da-rìreadh cuideachd. 'S e Freeciv an t-ainm a tha air, tha e saor an-asgaidh ach taitneach a dh'aindeoin sin. Ma tha cuimhne agaibh air Civilisation le Sid Meier air an robh fèill mhòr bliadhnaichean air ais, well, 's ann air còd a' gheama sin a tha Freeciv stèidhichte agus chaidh a leasachadh on àm sin. No, mur eil sibh eòlach air, tha e car coltach ri Age of Empires cuideachd; geama coimpiutar ro-innleachdail.

'S urrainn dhut a chluich an aghaidh na h-Inntinne Fhuadain air neo air an lìonra an aghaidh dhaoine eile. Bidh thu 'na cheannard os cionn treubh ann an Linn na Cloiche agus feumaidh tu fàs a thoirt air an treubh seo gus am bi e 'na shìobhaltas mòr, cumhachdach. Cha robh roghnadh is taghadh mòr ann an Civilisation a thaobh nan nàiseanan ach tha na dusanan dhiubh ann am Freeciv, eadar seann sluagh Etruria is muinntir Mars! Chan eil Gàidheil na h-Alba ann mar nàisean - cha robh an tìde agam ach bidh sin ann san ath tionndadh. Ach tha Èireannaich, Albannaich is Cuimrich ann as urrainn dhut a chluich.

Image

Nise, mus innis mi dhuibh far am faigh sibh e, feumaidh mi treòir bheag a thoirt dhuibh, oir ma ruitheas tu an geama mar a tha e, bidh e ann am Beurla:

Image

Ged a tha an luchd-leasachaidh ag obair air dòigh nas fhearr, tha an dòigh air a dh’atharraicheas tu an cànan car neònach air siostaman Windows. Seo dhut treòir bheag air sgàth sin. Mìle taing do Níall airson an dòigh seo a tha fada nas fhasa na bha againn roimhe! Ach faic am post aig GunChleoc gu h-ìosal ma nì Vista gearan nach eil Admin Rights agad.

1) Faighibh am faidhle 's stàlaich an geama le gach roghainn ann mar a tha e. Mar is trice, cuiridh Windows e fo Program Files agus tha sin ceart gu leòr.

2) Briogaibh air Start rachaibh ann far a bheil Freeciv agus dèanaibh briogadh deas far a bheil e ag radh Freeciv ri taobh na cruinne agus an uairsin briogadh clì air Properties.

Image

3) Fosglaidh sin uinneag bheag agus chì thu gu bheil auto aig deireadh na loidhne Target.

Image

4) Cuiribh a-steach gd an àite auto, innsidh seo dhan choimpiutair gu bheil sibh ag iarraidh Gàidhlig:

Image

5) Briogaibh air OK agus ma thòisicheas sibh geama a-nis mar is àbhaist (slighe Start > Freeciv 2.3.0 (GTK+ client) > Freeciv agus briogadh clì) bidh e sa Ghàidhlig.

Image

Tha e ag obair air Linux. Ged a tha an geama ag obair air Mac, cha do lorg sinn dòigh fhathast an cànan a chur gu Gàidhlig. Ma tha sibhse eòlach air dòigh, nach innis sibh dhuinn? Air neo bidh aig luchd Mac OS ri feitheamh gus an ath sgaoileadh, gu mì-fhortanach. Tha mi fìor dhuilich mi dhèidhinn seo.

Nise, cà 'm faigh sibh e? An-seo. Chì mi sa gheama sibh!


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by GunChleoc »

Faodaidh gun dèan Windows gearan nach eil Admin Rights agad. Ma nì e sin agus mur eil cead rianaire agad no rianaire a tha deònach do chuideachadh, dèan na leanas, chruthaich mi faidhle a nì na tha a dhìth oirbh.

1. Stàlaich am prògram

2. Faigh am faidhle seo: http://www.foramnagaidhlig.net/stuth/ge ... reeciv.bat (right-click + save)

3. Briog dà thuras air freeciv.bat air a' choimpiutair agad

Agus seo treòraiche eile dhuibh:



A’ cluich le barrachd na aon duine (geama air LAN)

Cluicheadair 1

Feumaidh a’ chiad duine a bhith na fhrithealaiche.
    1. Tòisich air freeciv agus air geama ùr
      Image
    2. Tagh an àireamh de chluicheadairean
      Image
    3. Tagh an nàisean agad
      Image

      Gus nàiseanan nan cluicheadairean eile a thaghadh, bruth le putan deas na luchaige agad air an sgioba acasan agus roghainn Tagh nàisean.
      Image
    4. Tòisich
      Image
  1. Nise, feumaidh tu innse do chàch dè an àireamh IP a th’ agad. Air Windows:
    1. Briog air Start agus Run agus cuir ann na litirichean cmd agus an uairsin briog air Enter. Fosglaidh sin uinneag bheag dhubh. Air Windows 7, chan eil Run ann, ach nuair a bhriogas tu air Start, tha raon beag ann gus faidhlichean agus prògraman a lorg. Cuir cmd ann an seo agus nochdaidh am prògram a tha a dhìth ort.
    2. Cuir a-steach ipconfig. Innsidh an coimpiutair an àireamh IP agad dhut; ’s e IPv4 Address a tha a dhìth (192.168.1.73 san eisimpleir againn). Ma tha barrachd na aon dhiubh ann, feumaidh na cluicheadairean eile fheuchainn dè am fear ceart.
      Image


Na cluicheadairean eile
  1. Tòisich freeciv agus thèid gu Dèan ceangal ri geama lìonraidh
    Image
  2. San taba Local Area Network, cuir an àireamh IP aig Cluicheadair 1 ann agus briog air Ceangail
    Image
  3. Tagh an sgioba a tha thu airson cluich, m.e. Sgioba 1 le Zabel I na cheannard. Briog air Gabh Zabel I (Nochdaidh "Gabh" + ainm a' cheannard a thagh thu air a' phutan).
    Image
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by Níall Beag »

Tha mi beagan tromo chèile mu seo:
game in over 30 languages
interface in 7 langauges.

Dé nach deach air a dheanamh fhathast airson a bhith na "tr*nsl*t**n" seach "interface language"?
Last edited by Níall Beag on Wed Aug 17, 2011 7:33 pm, edited 1 time in total.
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Sgrìobh mi an duilleag sin an-diugh fhéin. Chan eil mi buileach cinnteach an gabh gach cànan a chluich a tha sa chraobh oir tha cuid dhiubh fo 100% de dh'eadar-theangachadh. Chuir mi ceist air an liosta phuist agus coileanaidh mi an liosta an uairsin :)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Tha an 30 cànan gu lèir ann a-nis. Cha d' fhuair mi freagairt on liosta fhathast ach ma bhios gin ann gu mearachdach, sgioblaichidh mi an liosta.
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by GunChleoc »

A’ cluich le barrachd na aon duine (geama air LAN)

Chuir mi treòraiche sa phost agam shuas

http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... 740#p13740
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Sgoinneil, mòran taing airson an treòir LAN!
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by Níall Beag »

Nas fheàrr na .BAT, 's urrainn dhuibh an "shortcut" atharrachadh.

Right-click on the Freeciv shortcut, and click properties. It should open on the "Shortcut" tab -- if not, click on the shortcut tab.

Look for a box marked "target". Replace "auto" with the desired language code.

I believe "auto" sets it to use your system default language, and there's nothing in the installer to ask for that to be changed. Given that the number of translations of Freeciv is increasing, and that some of those languages aren't in common use as an OS default, you'd be best putting in a feature request for the next build to ask as part of the installer.

I'd make the request myself, but I can't see a feature requests page on the wiki....
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Freeciv - a' chiad fhìor gheama sa Ghàidhlig

Unread post by akerbeltz »

Tha sin nas fhasa fhathast, nach tus' a tha glic!

Right, now all we have to do is re-write the guide LOL

The Freeciv team are aware of the language choice problem and we hope to have a fix of some sort in a release in the not too distant future. Have you had any luck running it on Mac OS that way?
Post Reply