Expat Shield & BBC Alba thall thairis?

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1669
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Expat Shield & BBC Alba thall thairis?

Unread postby akerbeltz » Wed Nov 16, 2011 2:41 pm

Dh'innis caraid dhomh gu bheil i a' cleachdadh seo http://expatshield.com/ gus prògraman Gàidhlig aig BBC Alba fhaicinn. Bheil eòlas aig duine sam bith eile mu dhèidhinn? Cha do dh'fheuch mise e 's chan eil mi thall thairis co-dhiù ;)



faoileag
Maor
Posts: 1411
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Re: Expat Shield & BBC Alba thall thairis?

Unread postby faoileag » Wed Nov 16, 2011 4:16 pm

Chan eil mi eòlach air a' goireas sin, ach bidh caraidean agamsa thall thairis a' cleachdadh VPNUK no i-Portal air an aon adhbar gun trioblaid sam bith. Tha ExpatShield saor an asgaidh, gu foilleasach, agus feumar paigheadh an dà eile, ach 's dòcha gu bheil (barrachd) seirbheis aca nach eil aig an fhear shaor.

faoileag
Maor
Posts: 1411
Joined: Fri Jan 25, 2008 1:19 am

Re: Expat Shield & BBC Alba thall thairis?

Unread postby faoileag » Wed Nov 16, 2011 10:42 pm

Just had a look at the Exat Shield Facebook page and it's full of negative comments. Apparently as the user numbers have grown, the system is unable to cope.

http://www.facebook.com/expatshield?sk=wall

Tried to go to the VPNUK page but server seems to be down.
It still has a FB page, with messsage:
Hello, we currently have a DNS issue on the site for the domains vpnuk.info and vpnuk.net. We are working on a fix and will get the site back up asap. You should be able to connect to your VPN account using the server IP.

http://www.facebook.com/VPNUK?sk=info


i-Portal site still there.

User avatar
AlasdairBochd
Posts: 216
Joined: Wed Mar 25, 2009 10:32 am
Language Level: Fear-ionnsachaidh fad beatha
Location: Australia
Contact:

Re: Expat Shield & BBC Alba thall thairis?

Unread postby AlasdairBochd » Fri Nov 18, 2011 6:00 pm

Woohoo!!! :coimp:
Dh'obraich e !!! Bha mi a' coimhead air Air an Rathad an-dràsda. Mòran taing airson a' fiosrachaidh Ackerbeltz.
Cha robh maille idir ann ach 's docha gu bheil sin a' crochadh air àm an latha neo air cho mheud daoine a th' air an t-siostam.

User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1669
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Expat Shield & BBC Alba thall thairis?

Unread postby akerbeltz » Sun Nov 20, 2011 3:43 pm

Tha mi glè thoilichte sin a chluinntinn Alastair!

Chuala mi air an fhòram sa Ghearmailt gu bheil VPNUK a' dèanamh mar bu chòir agus gu bheil e math, le sgioba taic beò ann. Chaidh innse cuideachd gu bheil e gu math seasmhach agus cha chosg e ach €7 am mìos a-rèir coltais.