Pingus

Fiosrachadh mu gheamannan coimpiutair a tha rim faighinn sa Ghàidhlig - o BhBC Clann gu Strì Bheasnaid
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Pingus

Unread post by GunChleoc »

Sa gheama thoimhseachain seo, feumaidh tu cinn-fhionn a stiùireadh dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad. Cuiridh tu comasan a leithid leum no togail dhrochaidean dhaibh ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Tha an geama seo an asgaidh.

Image



Seo mar a stàlaicheas tu an geama:
  1. Luchdaich an geama a-nuas air làrach-lìn Phingus is stàlaich e. Tha e ri fhaighinn airson Windows, MacOS X no Ubuntu.
  2. Faigh am faidhle cànan is neo-phaisg e. Bheir seo faidhle air a bheil gd.po dhut.
  3. Faigh lorg air a’ phasgan far an deach an geama a stàladh, m.e. C:\Program Files (x86)\Pingus\ air Windows 7. Cuir lethbhreac dhe gd.po dhan fo-phasgan data\po\, m.e. C:\Program Files (x86)\Pingus\data\po\ air Windows 7.
  4. Tòisich an geama. Dèan briogadh air Options.

    Image
  5. Dèan briogadh air ainm a’ chànain taobh deas an sgrìn gus an nochd Gaelic Scots. Dèan briogadh air “Dùin” is an uairsin fàg an geama.

    Image
  6. Tòisich an geama a-rithist. Tha e sa Ghàidhlig a-nis.
  7. Gus ionnsachadh ciamar a stiùiricheas tu na cinn-fhionn, rach air Sgeulachd. Seo far a bheil oideachadh a’ gheama.

    Image
  8. Sin agad e!


Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply