Inno Setup
Don fheadhainn a tha an sàs ann am prògramachadh, tha an stàlaichear Inno Setup ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis. Cuiridh Inno Setup taic dhuibh gus stàlaichear/dì-stàlaichear airson Microsoft Windows a chruthachadh airson prògram a sgrìobh sibh. Tha an t-eadar-theangachadh am measg nan cànanan neo-oifigeil ach cuiridh iad a' Ghàidhlig am measg nan cànanan oifigeil a dh'aithghearr.