Page 1 of 1

Teacsa ’na chainnt – Guth Cheitidh

Posted: Tue Dec 08, 2015 11:36 am
by GunChleoc
Teacsa ’na chainnt – Guth Cheitidh

Tha gleus ri làimh a-nis a leughas teacsaichean digiteach os àrd – ann an Gàidhlig. ’S e gleus teacsa ’na chainnt a chanar ris (Text To Speech no TTS gu goirid). Tha seo gu sònraichte feumail do dhaoine a tha dall (slighe leughadairean-sgrìn mar eisimpleir) no ach cuideachd do mhòran eile, can luchd-ionnsachaidh no ma tha leughadh na Gàidhlig doirbh air cuideigin air adhbhar air choireigin.

Leis gun d’fhuair am pròiseact seo leth-mhaoineachadh poblach (Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle-maoineachaidh na h-Alba agus Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba), tha an guth an-asgaidh:
  • do bhuidhnean poblach
  • do sgoiltean is oilthighean ann an Alba
  • clann-sgoile aig an taigh
is feadhainn eile.

Barrachd fiosrachaidh air iGàidhlig

Ceitidh, an guth Gàidhlig TTS

Posted: Sat Oct 01, 2016 7:59 pm
by akerbeltz
Tha greis on a thàinig Ceitidh a-mach ach tha i a-nis cuideachd ri chluinntinn air làrach-lìn Cereproc.

’S urrainn dhuibhh pìos beag sam bith a chur ann no a sgrìobhadh ann agus canaidh i os àrd e. Bithibh modhail!!!

Image

Ceitidh, an guth Gàidhlig TTS

Posted: Sun Oct 02, 2016 9:08 am
by GunChleoc
Sgoinneil, 'S e taic mòr a bhios ann le ceistean fuaimneachaidh :)