Sgioba Gaidhealach air WCG

Teicneolas cainnt is cànan, bathar-bog ionnsachaidh / Laguage and speech technology, learning software
User avatar
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1626
Joined: Mon Nov 17, 2008 2:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Sgioba Gaidhealach air WCG

Unread postby akerbeltz » Fri Mar 12, 2010 4:32 pm

Tha mi air sgioba Gàidhealach a chur air bhonn air a' World Community Grid air a bheil Gael, Gaeil ┐ Gàidheil.

'S e sàbhalaiche sgrìn (screensaver) a th' ann - chan eil anns a' mhórchuid dhe na sàbhalaichean sgrìn ach rud a dhìonas an sgrìn agad ach gun tuilleadh feum annta. 'S e seo sgeama far am faigh an coimpiutair agad pìosan beaga de dhàta airson cnuasachadh fhad 's a bhios e 'na thàmh. Tha e sàbhailte, tha mi air a bhith chleachdadh fad bliadhnaichean ach cha do stéidhich mi sgioba ach an t-seachdain seo chaidh. Chan eil ann ach mi fhìn an-dràsta :roll:

Ma bhios an coimpiutair agaibh 'na thàmh gu math tric, nach cuir sibh sùil air? Tha iomadh pròiseat aca aig a bheil buaidh shòisealta, eadar feadhainn mheadaigeach mar an Human Proteome Folding Project, Cure for Cancer agus rudan mar Nutritious Rice for the World (agus feadhainn beagan nas gòraiche mar rùrachadh beatha far an t-saghaoil...)

Seo dhuibh an ceangal: http://www.worldcommunitygrid.org/reg/viewRegister.do?teamID=7Q0TRQTXW1

Return to “Teicneolas eile / Other technology”

Who is online

Users browsing this forum: No registered users and 1 guest