Ceist eadar-theangachaidh - 'sgudal oifigeil'

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Ceist eadar-theangachaidh - 'sgudal oifigeil'

Unread post by Gràisg »

Le APC sa phàipear bheag 23.10.09

'Chan fheum sinn dearbhadh sam bith gu bheil e nas fhasa
dha na Gàidheal an dà chuid an Èirinn agus an Alba a bhith
leughadh na Beurla seach a Ghàidhlig (airson "adhbharan"
eachdraidheil dhan deach mi steach an turas mu dheireadh),
ach tha seo cuideachd a-rithist a' togail na ceist: le airgead
is goireasan-cànain teann gu leòr, an e a bhith ag eadartheangachadh
aithisgean oifigeil o Bheurla gu Gàidhlig an
dòigh as èifeachdaiche ar cuid maoin a chleachdadh?

Chan e. Gu cinnteach chan e. Ma tha sinn dol a chosg
airgead air rudan fhoillseachadh ann an Gàidhlig bu chòir
gach sgillinn ruadh dhen airgead sin a bhith air a chosg air
stuth thùsanach Gàidhlig — air nobhailean, sgrìobhadh
cruthachail, bàrdachd, fèin-eachdraidheil, leabhraichean
saidheans is eile. Cha bu chòir aon sgillinn ruadh dheth a
bhith air a chosg ag eadar-theangachadh sgudal oifigeil o
Bheurla gu Gàidhlig.'


Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Unread post by Níall Beag »

Arts, arts, arts.

Gaelic cannot be a mere cultural artifact -- it must be part of everyday life, and the working of our country is part of everyday life.

That said, translations shouldn't come out of the Gaelic budget, but out of the official budget. It shouldn't be about the Gaelic, it should be about the service being provided.
Tearlach61
Maor
Posts: 206
Joined: Sun Sep 23, 2007 5:30 am
Location: Juneau
Contact:

Unread post by Tearlach61 »

Air an telebhisean 's sna taighean-deilbh ann an Quebec, tha tòrr prògraman 's filmichean air eadar-theangachadh gu Fraingis.

An taca ri bhith cruitheachadh prògraman bho thoiseach, chan eil dad nas fhasa na bith cur guthan thairis air stuth a th'ann mar tha.

Chan eil sin ag ràdh nach bu chòir a bhith prògraman tùsal bhon Gàidhlig ann, ach tha e gu math furasda an clàr-ama telebhisean a lìonadh le prògraman Gàidhlig l'an eadar-theangachadh bhon Bheurla, neo, nas fheàrr bho cànain eile,
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Unread post by Seonaidh »

Dè tha thu a' moladh - eadar-theangachadh stuth Sianel Pedwar Cymru dhan Ghàidhlig? Mar "Pobl y Cwm" (Muinntir a' Ghlinne)?

Tha leabhar agam nach eil airidh air eadar-theangachadh dhan Bheurla (no cànan sam bith eile) agus 's e "Tilleadh Dhachaigh" an t-ainm a th' air - le cò eile ach APC. Uill, sin mo bheachd co-dhiù. Feuchaidh an t-ùghdar ga chumail ri chèile le siubhal treana, ach chan eil sin ag obair idir.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Unread post by Gràisg »

Cuir Gàidhlig air Pobl y Cwm, 's e deagh mholadh a tha sin. Leugh mi Tilleadh Dhachaigh cuideachd, saoilidh mi gun robh e caran cruaidh air Inbhir Narann bochd :-)
Neas Olc
Posts: 400
Joined: Sun Oct 28, 2007 5:12 am
Language Level: Briste
Location: A'Chuimrigh (à Toronto)

Unread post by Neas Olc »

Pobl y Cwm? Ob ob ob ob....

Cò dhiu s'e smaoin ma a th'ann an cur Gàidhlig air stùth 'pop culture', tro sin a dheanamh s'docha gum bith barrachd inntinn ann an a'measg nan cloinne. Mar a thuairt Tearlach sin na rinn na Québecois (haha...no 'Ceabacaich' foadaidh?) san dùthaich againne an seo agus tha e coltach gu bheil e ag obrachadh math gu leòr. Bith iad cuideachd (mar na Cuimrich) a tarmadh prògramman ùra gu coileanta tro mheadhain a chànain.
Post Reply