Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh dà bhall airson a’ Bhòrd Stiùiridh bho Foghar 2010. Tha sinn a’ sireadh iarrtasan bho neach sam bith aig a bheil ùidh pàirt a ghabhail ann an obair Chomunn na Gàidhlig mar bhall den Bhòrd Stiùiridh. Tha sinn gu sònraichte a’ sireadh feadhainn a tha eòlach air obair gnìomhachas agus/neo obair òigridh. Tha e an urra ris a’ Bhòrd poileasaidhean, ionmhas agus luchd obrach ChnaG a stiùireadh agus thathar an dùil gum bidh mu 6 coinneamhan gan cumail sa bhliadhna.
Cha bhith tuarastal an lùib na h-obrach seo, ged a bhitheas cosgaisean siubhail agus àite-fuirich air am pàigheadh airson a bhith a’ frithealadh nan coinneamhan. Ged is ann an Inbhir Nis a bhios a’ mhòr chuid de choinneamhan, tha e comasach do bhuill pàirt a ghabhail ann an coinneamhan le bhith a’ cleachdadh fòn/bhideo.
Ma tha ùidh agaibh anns an obair seo, gheibh sibh tuilleadh fiosrachadh bho;
In English basically Comunn na Gàidhlig are seeking members for their Board of Directors. Although you could tr*nsl*t* comunn to association an English name should not be used to refer to the organisation.
The post and advert are Gàidhlig only to reflect the Gàidhlig knowledge required for the position.