Page 2 of 2

Re: Blog Gàidhlig - Naidheachd is Beachdan

Posted: Tue Aug 16, 2011 12:57 pm
by An Gobaire
*Alasdair* wrote:Niste, tha mi air post a chur air FnaG ron seo mun Bhlog a th' agam, ach chan eil cuimhn' 'am far a bheil e, agus bhiodh e a-mach a date co-dhìu air sgàth gu bheil mi air susbaint na Blog ùrachadh.

'S e: http://www.lagaisnagaidhlig.blogspot.com am Blog a th' agam [Lorgaidh sibh air Tìr nam Blog e cuideachd - air Facebook no Tìr nam Blog gu ceart.] Tha mi cinnteach gu bheil cuid agaibh eòlach air mar-tha. Ach, mur eil sibh eòlach air, lorgaidh sibh pìosan naidheachd is beachdan bhumsa air na tha dol ann an saoghal na Gàidhlig agus an t-saoghal eile :lol: Tha mi gu bhith a' cur suas rudan ùra nas trice a-nis air sgàth gu bheil daoine actually a' coimhead air a' Bhlog!

Tha àireamhan de luchd-amhairc air sìor dhol suas am-mìos seo - 150% a bharrachd na bh' ann am mìos sa chaidh. Feum 's gu bheil mi a' dèanamh rudeigin ceart!

New Gaelic blog. News and opinions. Updated regularly. Good for Gaelic learners.
Bha seo math Alasdair. Chòrd e rium, agus deagh phuingean agad gu dearbha. Aon rud ge-tà...nuair a sgrìobh thu gu bheil a' Ghàidhlig "air a bruidhinn natively" ann an Gallaibh, an robh thu a' ciallachadh Gàidhlig Ghallaibh, no Gàidhlig mhàthaireil aig daoine a tha a' fuireach ann an Gallaibh?

Bhuineadh mo sheanair 's mo sheanmhair do Mheaghràth (a' phàirt ann an Gallaibh), agus nuair a ruigeadh iad tràth san 20mh linn, bha a' Ghàidhlig a' sìoladh às anns na bailtean aca (Achvarasdal, agus Shebster) gu luath. Chunnaic mi gun robh i aig mu 20-30% de shluagh na sgìre aca nuair a bha iad a' fàs suas ( a rèir rannsachadh a chunnaic mi). Mar sin, an-diugh, cha chreid mi gu bheil gin air fhàgail aig a bheil Gàidhlig Ghallaibh an-diugh, ach 's dòcha gu bheil fiosrachadh a bharrachd agadsa?

Co-dhiù, bha Meaghràth ann an Cataibh bho thùs, ach chaidh pìos dheth a ghabhail ann an Gallaibh bho chionn ceud bliadhna, no mar sin.

Re: Blog Gàidhlig - Naidheachd is Beachdan

Posted: Wed Aug 17, 2011 11:47 pm
by Gràisg
Agus blog gàidhlig eile http://seumasuallas.blogspot.com/