Page 1 of 1

Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Tue Feb 01, 2011 6:02 pm
by Gràisg
Cuir fios air ur cuid càirdean sna làrachean eile mas e do thoil e.

http://www.gopetition.com/petition/42495.html

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' maoidheadh Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, a tha air uimhir a dhèanamh airson piseach a thoirt air ceòl Albannach sna deich bliadhna mu dheireadh, a dhùnadh.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Feb 02, 2011 1:03 am
by faoileag
A bheil iad dall, no bodhar sa Chomhairle? :olc:

Tha an sgoil a' dèanamh tòrr airson ciùil agus cultair Albannach, agus cha bhi na daoine òga a bhios a' tighinn a-mach às a' Phloc, no às na Fèisean, ach nan luchd-ciùil air leth, ach bidh iad a' toirt a' chùltair phrìseil againn uile seachad air an àth-ghinealach, agus a' cosnadh barrachd urram is airgid airson na h-Alba san t-saoghal a-muigh (faic Celtic Connections, HebCelt, na Fèisean, Blas etc) air a-huile neach-poilitigs (ionadail no nàiseanta) ri chèile.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Feb 02, 2011 9:33 am
by Gràisg
Tha iad dall, bodhar agus gòrach seachad air tuigse. 'S e ionnsaidh air an dà chuid cultar na Gaidhealtachd agus na h-Alba a tha seo.
Bidh coinneamh aig Comhairle na Gaidhealtachd gus na gearraidhean a chur air bhog air an deicheamh latha den mhios seo. Tha an ùine a ruith air a' Phloc. Mhothaich mi gu bheil taobh eadar-nàiseanta den ath-chuinge a-nis ge-tà. Chuir 2050 an ainmean ris gu ruige seo (08.25) agus cha do thoisich e ach an-dè. Saoilidh mi gum bi Comhairle na Gaidhealtachd agus na high heid yins aca (Park, Foxley , Grey - neo-eismileach :lol:, ConDem, Labour) a' faighinn droch chliù gu brath siorraidh airson an sgrios a tha fainear dhaibh.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Feb 02, 2011 10:22 am
by Níall Beag
Uell, Chan eil airgead gu leòr ann airson "classroom assistants" a' cumail, a bheil NCETM nas cudtromaiche?

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Feb 02, 2011 11:07 am
by Gràisg
Seadh, gheibhear rudan nas cudromach, bidh daonnan cuideigin a chumail a-mach gu bheil rudeigin eile nas cudromach. ‘S ann mar sin a tha sin beò agus ma bhios tu den bheachd gu bheil rudeigin cudromach bidh sibh còmhla le duine eile gus taic a thoirt dha nuair a thigh e gu h-aon agus gu dha. Bidh na gearraidhean a’ dol fad as farsaing agus a’ toirt buaidh air na Gaidhealtachd ann an iomadh dòigh. Bidh moran coimhearsnachdan agus buidhinn a’ togail guth. A bheil sin a’ ciallachadh gum bu choir don fheadhainn a tha taiceil dhon Phloc a bhith nan tosd air sgath ’s gu bheil duine eile a’ smaoineachadh gu bheil rudan eile nas cudromach? Ma chumas tu balbh caite am bi na ath-ghearraidhean air cultar na Gaidhealtachd? Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh air na targaidean far a bheil iad a smaoineachadh nach bi cus strì dhaibh.
Mur a bheil iomairt a’ còrdadh ris a charaid na cuir d'ainm ris.

Co-dhiù, aig a cheann thall tha mise làidir den bheachd nach eil Trident no Cogaidh Afganistan cudromach.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Feb 02, 2011 12:50 pm
by Gràisg
Taic air Twitter bho Alasdair Caimbeul

Image
[url=http://]h[/url] by [url=/[/url], on Flickr

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Feb 02, 2011 1:25 pm
by Níall Beag
Gràisg wrote:Seadh, gheibhear rudan nas cudromach, bidh daonnan cuideigin a chumail a-mach gu bheil rudeigin eile nas cudromach.
Co-dhiù, aig a cheann thall tha mise làidir den bheachd nach eil Trident no Cogaidh Afganistan cudromach.
Seo an diofar: tha NCETM na phàirt de roinn foghlam comhairle na Gaidhealtachd, agus an t-airgead a' tighinn bhon a h-aon buidseat. Cha d'fhuair Trident no Afghanistan an cuid den airgead bho Chomairle na Gaidhealtachd.

NCETM is in direct competition with other educational services. Boarding schools are expensive.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Fri Feb 04, 2011 4:13 pm
by GunChleoc
Níall Beag wrote:Seo an diofar: tha NCETM na phàirt de roinn foghlam comhairle na Gaidhealtachd, agus an t-airgead a' tighinn bhon a h-aon buidseat. Cha d'fhuair Trident no Afghanistan an cuid den airgead bho Chomairle na Gaidhealtachd.
Ach is dòcha gum biodh airgead a bharrachd aig a' Chomhairle mura biodh Trident no Afghanistan ann ;)

Tha naidheachd ùr mun ath-chuinge aig a' Bheeb:
Tha faisg air 2,000 duine air an ainmean a chur ri ath-chuinge a tha ag iarraidh gun tèid Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd a ghlèidheadh.
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ploc.shtml

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Fri Feb 04, 2011 9:04 pm
by Níall Beag
Hmmm...
[quote=Michael Russell]The funding for the centre is included in the local government settlement for Highland Council. Any decisions made by Highland Council would have to take account of that fact. I hope that Highland Council will be prepared to discuss the matter with me and perhaps with my colleague Fiona Hyslop, who has an interest in it, as soon as possible.[/quote]
Tha seo ag atharrachadh cùisean gu tur....

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Sat Feb 05, 2011 10:08 am
by Gràisg
Tha faisg air 2,000 duine air an ainmean a chur ri ath-chuinge
6498 a-nis a chàirdean (08.53 5mh)

Tha "sgaoil smaoineachadh" ag èirigh gur e "sgadan dearg" a tha seo gus gearraidhean eile a thoirt air falbh bhon aire a' mhor shluagh. 'S ann aig Comhairle na Gaidhealtachd amas cuidhteas fhaighinn de 334 luchd-taic tidsirean agus feumaidh mi aideachadh chan eil an ath-chuinge aca a' deànamh cho mi ris an fhear eile.
http://www.gopetition.com/petition/4258 ... tures.html
Ach cha robh iad cho sgiobalta ris luchd-iomairt a' Phluic ach tha an deireadh seachdainagus grunn laitheachan eile rompha. Dh'fhaodadh buidhninn eile a bhith taobh a-muigh Rathad Gleann Urchaidh an ath-sheachdain nam bheachdsa.
'S math gu bheil an riaghaltas a' gabhail ùidh. Bu chòir dleastanas slan a bhith aig a' Chomhairle, chuala mi gun do chuir iad a-steach "bid" gus an sgoil seo a stèidheachadh taobh a-steach na Gàidhealtachd.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Mon Feb 07, 2011 9:42 pm
by Seonaidh
Seo rudeigin le cudrom a thèid fada thairis air Comhairle na Gàidhealtachd agus fiù na Gàidhealtachd fhèin. Ann am facail eile, cha b' fheudar dhi a thighinn fo Chomhairle na Gàidhealtachd idir, ach dìreach fo Riaghaltas na h-Alba.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Tue Feb 08, 2011 12:13 am
by Níall Beag
Gràisg wrote:Tha "sgaoil smaoineachadh" ag èirigh gur e "sgadan dearg" a tha seo gus gearraidhean eile a thoirt air falbh bhon aire a' mhor shluagh.
'S ann aig an institiut a tha mise.

Tha "Tilting at windmills" gu math freagarrach air seo, nam bheachdsa.

I read a claim that most windfarm planning applications include 3 more turbines than they want to build, the idea being that a "compromise" then gives the builders the chance to put up exactly what they wanted to in the first place.

Always include a few windmills in an unpopular proposal -- something for the plebs to tilt at.

Re: Ath-chuinge - Sàbhail am Ploc

Posted: Wed Mar 16, 2011 10:37 pm
by Thrissel
BBC wrote:Thàinig dearbhadh nach tèid Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd a dhùnadh.
Dh'fhoillsich Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell, £200,000 ann an taic-airgid airson an t-ionad anns a' Phloc a chumail fosgailte.
Mairidh an taic-airgid trì bliadhna.
tuilleadh an seo
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... ploc.shtml