Plana Gàidhlig OGE no Plana Potemkin?

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Plana Gàidhlig OGE no Plana Potemkin?

Unread post by Gràisg » Wed Feb 23, 2011 10:56 am

"Meanwhile, five members of the Gaelic development team at the Highlands and Islands University received redundancy letters yesterday."
http://www.pressandjournal.co.uk/Articl ... z1Em4Q00On

Agus beagan Gàidhlig san uinneig a-nis, tapadh leibh agus dùin an doras air ur rathad a-mach?



Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Plana Gàidhlig OGE no Plana Potato?

Unread post by Seonaidh » Mon Feb 28, 2011 8:32 pm

...agus cuideachd
PJ Obar D. wrote:Meanwhile, five members of the Gaelic development team at the Highlands and Islands University received redundancy letters yesterday.

The team and their manager were responsible for developing the organisation’s Gaelic plan.

Bòrd na Gàidhlig chief executive John Angus MacKay said on Thursday his organisation was concerned over the ability of the university to deliver its Gaelic commitments as a result of the redundancies
Nam bheachdsa, cha robh P.G. an Oilthigh glè mhath idir: am b' ann airson sin a shackadh na daoine? Cha chreid mi gum b' e. Agus dè an t-ainm air an nuadh-oilthigh? An e "Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (OGE)" a th' ann? Chan e - 's e "University of the Highlands and Islands (UHI)". Sin e - marheting plan gun leithid, taghadh ainm Ghàidhlig mar phrìomh ainm, agus dè rinn iad? Seachainn. Agus a-nis chì sinn cùrsaichean gan dùnadh. Leanaidh colaistean - Peairt? Moireibh? Colaiste a' Chaisteal? Inbhir Pheòfharain? Cò aige tha fios?

Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Plana Gàidhlig OGE no Plana Potemkin?

Unread post by Gràisg » Thu Mar 03, 2011 11:19 am

Seo criomagan bho Cholbh Am Peursa an t-seachdainn seo chaidh san Inverness Courier. Chan eil e ri fhaighinn air loidhne fhathast, chan eil an Courier air a bhith ro dhèidheil o chionn greis ann a bhith a' cur a h-uile artaigil aig Ruairidh coir an airde.

"Tha dragh orm gu bheil cuid de bhuidhnean a chaidh an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig air sàillibh cruthachadh plana gu ìre mhòr a' seachnadh a' ghnothaich cho luath 's a tha am plana deiseil. Tha e mar gu bheil iad ag ràdh riutha fhèin, " Ceart a chàirdean, rinn sinn an gnothach airson nan Gàidheal. Nise air ais dhan obair àbhaistich againn."

"Bha tuarastal còignear dhen luchd-obrach na Gàidhlig air a phàigheadh le Bòrd na Gàidhlig agus Maoin Shòisealta na Roinn Eòrpa. Dh'fhaodadh OGE comharra a chur sna bogsaichean gun a bhith a' cosg mòran dhen airgead aca fhèin. Agus leis struth an airgid a' tighinn gu ceann, dè tha OGE a' dèanamh? Tha iad a' leigeil soraidh le còignear den t-sianar."

"...Ach tha amharas agam gum b' fheàrr le cuid san oilthigh gum bite a' dèiligeadh ris 'a Ghàidhlig anns an Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan A-muigh is nach biodh aca fhèin ri bodraigeadh leatha."


Chì sinn dè thachras san àm ri teach ri OGE, gu ruige seo chan eil ach achadh bàn far a bheil iad airson campus ùr a thogail agus feadhainn amharasach gur e plana gu math 'aspirational' a th 'ann. Ach le taic bhon riaghaltas tha coltas ann gum bi rudeigin ga thogail air an làraich ud taobh thall an rèile bho oifis a' Bùird. Saoil am bi fiù 's soidhne dà-chananach air a bheulaibh? Bidh plana Gàidhlig na laighe air sgeilp ùr brèagha air choireigin ge-tà.

Post Reply