Cuirm Bhliadhnail – Dihaoine 18mh Màrt, Eden Court

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Cuirm Bhliadhnail – Dihaoine 18mh Màrt, Eden Court

Unread post by Gràisg » Wed Mar 02, 2011 2:07 am

Fiosrachadh bho Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis

"Far nach bi sluagh cha bhi cànan, agus far nach bi òigridh ga cleachdadh chan eil dòchas leantainneachd aig cànan sam bith.
Ann an consairt fon ainm Guth na h-Òige aig Talla-Cluiche Eden Court air Dihaoine 18 Màrt 2011, dearbhaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis cuid de mhisneachd choimhearsnachd Ghàidhlig na h-Alba ann an tèarainteachd an cànain.
Mar is dual bidh cuid de phrìomh luchd-ciùil na Gàidhlig air àrd-ùrlar, agus am measg na chluinnear an turas seo bidh: Jenna Chuimeanach, Kirsteen NicDhòmhnaill, Darren MacIlleathain agus Steven MacÌomhar, agus Canntaireachd a’ seinn, an Còmhlan Cèilidh Monach Isle, agus am pìobaire òg Brìghde Chaimbeul."



Post Reply