Page 1 of 1

Sgioba ùr agus suaicheantas ùr dha Ùlpan

Posted: Fri Mar 11, 2011 12:02 pm
by Gràisg
Sgioba ùr agus suaicheantas ùr dha Ùlpan

"Tha an companaidh Deiseal Ltd, a chruthaich Ùlpan, siostam airson Gàidhlig ionnsachadh, air an sgioba aca a’ leudachadh air sàilleabh gu bheil an t-iarrtas airson barrachd chlasaichean agus oidean a’ sìor-èirigh air feadh Alba.

Mar phàirt den leudachadh seo, chaidh làrach-lìn ùr agus suaicheantas ùr a chruthachadh gus an àireamh de dh'oileanaich tha ann mu thràth - 1,500 - àrdachadh trì tursan ro 2014. Airson seo a choilionadh, thèid 380 àite trèanaidh a thabhann do dh’fhileantaich a bhith air am fastadh mar oidean dhaibh. Bheir seo deagh chothrom an àireamh de dhaoine a tha a’ bruidhinn a’ chànain àrdachadh agus amasan Bhòrd na Gàidhlig a’ ruigsinn.

Anns an sgioba ùr tha: Alasdair Camshron, leasachadh gnìomhachais; Joan NicIlleathain, trusadh oidean, Shona Sloan, trusadh oileanach; Inge Nic a’ Bhraonaigh, rannsachadh teagaisg; agus Rhoda Meek, dealbhachadh agus seirbheisean IT. Tha iad seo a’ tighinn còmhla ris an sgioba de thriùir a bh’ ann roimhe."

Gheibhear tuilleadh an seo:
http://www.deiseal.co.uk/d/110307%20Sgi ... 0Ulpan.pdf