Page 1 of 1

Soraidh slan le ‘Sgrìobhadh sa Sgìre’

Posted: Sat Apr 02, 2011 8:01 pm
by Gràisg
APC sa Phàipear Bheag:

"Tha mi gu math tàmailteach gu bheil
sgeama beag a bha Comhairle nan
Leabhraichean agus Comhairle na
Gàidhealtachd a' ruith, fon ainm
`Sgrìobhadh sa Sgìre', a' tighinn gu
ceann ged nach eil mi buileach
cinnteach carson, a bharrachd air an
leisgeul àbhaisteach mu dheidhinn a
bhith "sàbhaladh airgead" "

"Ann an saoghal beag na Gàidhlig nach eil
sinn a' feuchainn ri coimhearsnachdan a
fhreumhachadh aig a bheil gach comas nan
cànan fhèin? Nach eil sinn a' feuchainn ri
òigridh àrach aig a bheil gach còir is comas
a tha air an gabhail mar rud "nàdarra" sa
Bheurla — comasan leughaidh, sgrìobhaidh
is eile nam measg? Air neo a bheil sinn
dìreach coma mun a sin fhad's a tha
Àireamhan againn?"