Buaidh an SNP is a' bhuaidh aige sin air a' Ghàidhlig!

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Buaidh an SNP is a' bhuaidh aige sin air a' Ghàidhlig!

Unread post by An Gobaire »



Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Buaidh an SNP is a' bhuaidh aige sin air a' Ghàidhlig!

Unread post by GunChleoc »

Tha deasbaid ann ma dheidhinn air Facebook cuideachd:

http://www.facebook.com/notes/griogair- ... 8037924354

Seo pìosan dheth:
Adhamh wrote:?'S e an rud nach fhaigh mise seachad air, 's e gu bheil a h-uile innealachd a tha ri fhaodainn air 'taobh na Gàidhlig' air a thogail ann an cruth Ghallda agus le sin, chan fhaigh sinn mach às ach buaidhean Gallda. Chan eil 'Bòrd na Gàidhli...g' mar a theireadh tu comasach a ghiùlan fhèi' mar ghas ach na th' ann, 'quango' ann an saoghal nan Gall, beachdan falamh air amasan gan stiùireadh le miann Gallda agus na dualchainntean a' siubhal 's a' Ghàidhlig a' tionndadh na cothrom-choisg airson daoine tha 'sìreadh ainm dhai' fhèi'. Chan eil mi ro dhòchasach! :P
Griogair wrote:Uill ciamar a ni sinn atharrachadh air ma tha.. Bu ghasta leam tuillidh fhaodainn a-mach mu dheidhinn na tha an run don SNP airson na Gaidhlig... Mar a thuirt Mairtin O'Cadhain; http://www.youtube.com/watch?v=q91o5WC5 ... re=related
mise wrote:Beachdan uabhasach inntinneach bhuat, a Ghrìogair, tapadh leat airson seo a sgrìobhadh! Chan e Gàidheal no fiù 's Albannach a th' annam, is mar sin tha e cudromach dhomh cluinntin na tha aig muinntir an àite fhèin a' smaoineachadh mu suidhe...achadh na Gàidhlig! Tha aiste uabhasach inntineach a leugh mi aig dithis air a bheil Dauenhauer mu chànanan ann an Alasga. 'S e cnag na cùise a bh' ann nach tèid cànan air adhart mus dèan na daoine fhèin an oidhirp. Cha leig thu leas feitheamh air càch, cha shàbhail ach thu fhèin an cànan agad agus tha gach duine cudromach a chuireas taic dha. Bhiodh e na b' fheàrr nam b' urrainn do na h-uile duine obair còmhla airson an aon cheann-uidhe, ach anns na dòighean aca fhèin a tha freagarach dhaibh. Bha mi a' smaoineachadh mun phuing a th' agad mu Gàighlis is Scots anns an sgoil còmhla. Uill, cho fad 's a bhios a' Ghàidhlig anns na sgoiltean Gallda cuideachd, chanainn-sa gur e rud math a bhios ann. A bharrachd duine a' tuigsinn mun a Ghàidhlig seach a bhith a' cumail a-mach 'it was never spoken here', agus beagan a bharrachd tuigse air càch a chèile.
Des wrote:Cha bhi plana sam bith gu moran feum gun taic sa choimhearsnachd. Gheibhear cuid a tha gu math amharasach mu dheidhinn Bòrd na Gàidhlig. Dhomhsa ‘s bhochd nach eil am Bòrd a’ foillseachadh barrachd fiosrachaidh a’ buanntinn ris na co-dhùnai...dhean aca. Air an làrach-lìn chan eil sgeul air na gear-cunntasan (seachad air an Giblean 2005). ‘S ann mar sin a thàinig mygaelic.com agus an 250K a chaith iad air a shon mar chloich as an adhair. Co-dhiù sgriobh Ruaraidh coir sa Chourier Inbhir Nis an-diugh:

“Cha sàbhail Planaichean Gàidhlig air cànan (ged a tha iad cudromach nan dòigh fhéin). ‘S e cleachdadh san dachaigh a shàbhaileas i. feumar a’ Ghàidhlig a chur air bilean, a bharrachd air soidhnichean.” (bha Ruaraidh a’ mholadh sgeama “Master-Apprentice Language Revitalisation Program” aig Leanne Hinton don Bhord. Tha naoi sgiobannan gan treanadh ann an Alba Nuadh an dràsta fhèin.

Seadh,cha bu choir a h-uile càil chrochadh air foghlam a-mhain ach seo ann an Inbhir Narann gheibhear 28 a chloinne san Aonad Gàidhlig an dràsta agus an ath-bhliadhna sgoilearachd bidh 40 an làthair. Aig ceann còig bliadhna am bi cothroman air an cruthaich dhaibh gus gluasad air adhart tro mheadhan na Gàidhlig aon uair ’s gum bi iad air ‘a bhun-sgoir fhàgail?

‘S ann aig Mgr Salmond cothrom chan e a-mhain cruth na h-Alba atharrachadh gu brath sìorraidh, faodaidh e an ath rud a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig. Chì sinn de thachras.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply