Page 1 of 1

Molaidheadan rannsachaidh do Shoillse

Posted: Tue Jun 07, 2011 9:36 am
by Gràisg
LItir eile a nochd sa Phàipear Bheag:

SURELY THERE IS pleanty of scope for Soillse's academics as they research Gaelic's on-going collapse.
They could for example, research the long-term effects of the bizarre pseudo-Gaelic official documents churned out by, say, Bòrd na Gàidhlig. Then they might care to investigate the impact of puclicly funded "Gaelic" events where the language is not used as a means of communication.
They could investigage whether having so many members of Bòrd na Gàidhlig with vested interests in different funded Gaelic groups is really such a good idea. And whether it might be beneficial to the language if just a tiny amount of grassroots representation and accountability were introduced.
Then they could move on to an assessment of the benefits of non-Gaelic speaking artists-in-residence, and consider plans for a "creative village" development preposterously spun as a "a desperately needed enlargement of the Gaelic Gollege" when in reality there is no intention for the development to be anything other than English-Language.
Come on, Soillse! Let's put the £5.29 million to good use.

Neil McRae
Braes of Kilbride
Skye

A bheil fios aig duine sam bith mu dheidhinn a'' Bhaile Cruthachail ud a tha Niall a-mach air?

Re: Molaidheadan rannsachaidh do Shoillse

Posted: Mon Jun 13, 2011 10:07 pm
by Seonaidh
Search me guv'nor. (Sin a' Ghàidhlig airson freagairt a chur ris a' cheist "A bheil fios aig duine sam bith mu dheidhinn a'' Bhaile Chruthachail ud a tha Niall a-mach air?") Bha mi a' smaointinn gun robh colonaidh Beurla a chànan glè shoirbheachail san Eilean mar-thà: chan fheum air barrachd!

Re: Molaidheadan rannsachaidh do Shoillse

Posted: Thu Jun 16, 2011 6:31 pm
by Níall Beag
Nach ann bho chionn fhada a tha iad a' bruidhinn air taigheadas 's coimhearsneachd ùr ann an Slèite?

Re: Molaidheadan rannsachaidh do Shoillse

Posted: Thu Jun 16, 2011 10:18 pm
by Seonaidh
Uill, sin a chuala mi, ach bha mi a' smaointinn gum b'e taigheadas Gàidhlig a bhiodh ann. 'S dòcha nach eil cus ann aig a bheil an cànan...

Re: Molaidheadan rannsachaidh do Shoillse

Posted: Fri Jun 17, 2011 7:56 am
by Gràisg
Nuair a leugh mi an litir smaoinich mi gun robh e a-mach air rudeigin ceangailte leis an t-SMO. Chuala mi mu dheidhinn fear eile a bh' ann o chionn grunn bhliadhnaichean ach nach deach a-mach a shealladh builleach glan? Saoilidh mi nach e 'material consideration' a th'ann dè a' chànain a bhios daoine a' bruidhinn am broinn taigheadas ùr sam bith nuair a thig gu h-aon agus gu dhà le iarrtas dealbhaidh.

Re: Molaidheadan rannsachaidh do Shoillse

Posted: Wed Jun 22, 2011 9:36 am
by GunChleoc
Chan eil mòran fiosrachaidh agam dè tha gu bhith a' tachairt sa Chille Bhig, ach rinn iad rudeigin coltach ri seo ann an Armadail mar-thà. 'S e taighean nach eil ro dhaor a th' annta agus chan fhaigh duine an ceannach ach ma tha e a' fuireach anns an eilean mu thràth. Tha seo an aghaidh daoine gan ceannach mar thaighean samhraidh nach cuir dad ris a' choimhearsnachd. Chaidh mòran dhaoine a' fuireadh ann a tha aig obair sa Cholaiste agus aig a bheil deagh Ghàidhlig.