Thèid Sainsbury’s Inbhir Nàrann fhosgladh air an ceathramh làth den ath mhios (bidh am baile seo faighinn saorsa bhon Cho-op an uair sin ach ‘s e sgeulachd eile a tha sin). Bidh Sainsbury’s na doras retail don Ghàidhealtachd bhon taobh an ear agus saoilidh mi gum bi cha mhor a h-uile duine aig a bheil beagan Gàidhlig no a tha taiceil dhan chànain toilichte leis na soidhnichean seo. Prìomhachas don Ghàidhlig cuideachd. Sin thu fhèin Sainsbury’s.
Img_4785 by le gurnnurn.com, air Flickr
Img_4776 by le gurnnurn.com, air Flickr
Img_4782 by le gurnnurn.com, air Flickr
Img_4783 by le gurnnurn.com, air Flickr
Sin thu fhèin Sainsbury's
-
- Posts: 13
- Joined: Wed Oct 10, 2007 2:18 pm
- Language Level: Fileanta
- Location: SMO, An t-Eilean Sgitheanach
- Contact:
Re: Sin thu fhèin Sainsbury's
Math fhéin. Ach bhiodh na soidhnichean na bu shoilleire nam biodh iad a’ cleachdadh font eadar-dhealaichte no dath rud beag eadar-dhealaichte dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Re: Sin thu fhèin Sainsbury's
Bhitheadh. Ach, cho fad 's nach cleachd iad clò eadailteach....!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 1486
- Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Faisg air Gleann Rathais
Re: Sin thu fhèin Sainsbury's
Dè mu dheidhinn "Click and collect"?
-
- Posts: 6
- Joined: Thu Dec 30, 2010 9:51 pm
- Language Level: neach ionnsachaidh
- Location: UK
- Contact:
Re: Sin thu fhèin Sainsbury's
's docha, ach mar seo:caoimhin wrote:Math fhéin. Ach bhiodh na soidhnichean na bu shoilleire nam biodh iad a’ cleachdadh font eadar-dhealaichte no dath rud beag eadar-dhealaichte dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.
Gaidhlig mar seo
Beurla mar seo
--
Craig Cockburn
Craig Cockburn