Page 1 of 1

Sin thu fhèin Sainsbury's

Posted: Sun Jul 10, 2011 7:53 pm
by Gràisg
Thèid Sainsbury’s Inbhir Nàrann fhosgladh air an ceathramh làth den ath mhios (bidh am baile seo faighinn saorsa bhon Cho-op an uair sin ach ‘s e sgeulachd eile a tha sin). Bidh Sainsbury’s na doras retail don Ghàidhealtachd bhon taobh an ear agus saoilidh mi gum bi cha mhor a h-uile duine aig a bheil beagan Gàidhlig no a tha taiceil dhan chànain toilichte leis na soidhnichean seo. Prìomhachas don Ghàidhlig cuideachd. Sin thu fhèin Sainsbury’s.

Image
Img_4785 by le gurnnurn.com, air Flickr

Image
Img_4776 by le gurnnurn.com, air Flickr

Image
Img_4782 by le gurnnurn.com, air Flickr

Image
Img_4783 by le gurnnurn.com, air Flickr

Re: Sin thu fhèin Sainsbury's

Posted: Sat Jul 16, 2011 4:01 pm
by caoimhin
Math fhéin. Ach bhiodh na soidhnichean na bu shoilleire nam biodh iad a’ cleachdadh font eadar-dhealaichte no dath rud beag eadar-dhealaichte dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.

Re: Sin thu fhèin Sainsbury's

Posted: Mon Jul 18, 2011 12:54 pm
by An Gobaire
Bhitheadh. Ach, cho fad 's nach cleachd iad clò eadailteach....!

Re: Sin thu fhèin Sainsbury's

Posted: Mon Jul 18, 2011 9:30 pm
by Seonaidh
Dè mu dheidhinn "Click and collect"?

Re: Sin thu fhèin Sainsbury's

Posted: Sun Aug 07, 2011 7:24 pm
by siliconglen
caoimhin wrote:Math fhéin. Ach bhiodh na soidhnichean na bu shoilleire nam biodh iad a’ cleachdadh font eadar-dhealaichte no dath rud beag eadar-dhealaichte dhan Ghàidhlig agus dhan Bheurla.
's docha, ach mar seo:

Gaidhlig mar seo
Beurla mar seo