Page 1 of 1

Call Kaye

Posted: Thu Jul 14, 2011 6:33 am
by Seonaidh
'S e prògram BBC Radio Scotland a th' ann, 0850 an-diugh (14/7). Bithear a' deasbad na Gàidhlig an-diugh - faic:-

CallKaye@bbc.co.uk

http://www.bbc.co.uk/programmes/b00r3zl7

Today, 08:50 on BBC Radio Scotland
14/07/2011

A new study shows that the media mocks Gaelic - do we take Gaelic seriously enough?

Re: Call Kaye

Posted: Thu Jul 14, 2011 12:46 pm
by *Alasdair*
Tha "Davy" na fhìor amadan, nach eil? Gu h-àraid nuair a thuirt am fear à Bòrd na Gàidhlig gu robh e na b'fhasa dha cànain eile ionnsachadh air sgàth 's gu bheil a' Ghàidhlig aige, agus thuirt "Davy" "Well, ahm not bilingual and ahm strugglin through a Hungarian phrasebook... it's really difficult."

Point proven, 's dòcha?

Dà fhichead mionaid dhe frustration, nam bheachd-sa!

Re: Call Kaye

Posted: Thu Jul 14, 2011 10:30 pm
by Seonaidh
Tha fios agam air a' Hungarian Phrase Book ud - chleachadh e le Monty Python: "Az én légpárnás tele van angolna."

Re: Call Kaye

Posted: Fri Jul 15, 2011 8:53 pm
by Thrissel
Tha aiste mun chùis air an làrach-lìn naidheachdan Gàidhlig aig a' BhBC, le às-aithrisean leis an t-Oll. Coinneach MacFhionnghuin, Comhairliche Gallaibh Dàibhidh Flear agus Ministear na Gàidhlig Alasdair Allan:
BBC: "Feumaidh Gàidheil seasamh aig Mì-rùn Mòr nan Gall"
Tha facal agam airson sin. 'S e sin Pseudo-Munchausen's Linguaphobic Syndrome by Proxy. S e seòrsa de thinneas anns an inntinn tha mi a' smaoineachadh.
An t-Oll. MacFhionnghuin
Nuair a chanas tu gu bheil mi ag aontachadh ris a h-uile pàirt de Phlana na Gàidhlig, ach nach eil thu ag iarraidh shoidhnichean dà-chànanach, canar gu bheil thu an aghaidh na Gàidhlig.
An Comh. Flear
Tha mise a' smaoineachadh gu bheil a' chuid as motha de dhaoine ann an Alba ann an dà champa: tha iad airson na Gàidhlig, no tha iad coma.
Ministear Alasdair Allan

Re: Call Kaye

Posted: Thu Aug 04, 2011 1:17 pm
by GunChleoc
Is toil leam an abairt buidhnean astro-turf :spors: