Page 1 of 1

Sainsbury's InbhirNarann Soidnichean dà-chànanach na bhroinn

Posted: Wed Aug 03, 2011 12:29 pm
by Gràisg

Re: Sainsbury's InbhirNarann Soidnichean dà-chànanach na bhr

Posted: Wed Aug 03, 2011 3:23 pm
by ArtMacCarmaig
'S e eisimpleir mhath dha-rìribh a tha seo, a Ghràisg. A bheil fhios agad cò, taobh a-staigh Sainsbury's, a tha a' toirt taic dha na soidhnichean? An e Manaidsear ionadail ann an Inbhir Narann no cuideigin aig ìre nas àirde? Is cinnteach gun robh thu fhèin agus càch ag iomairt airson a leithid cuideachd. 'S math a rinn iad, agus sibhse!

Re: Sainsbury's InbhirNarann Soidnichean dà-chànanach na bhr

Posted: Wed Aug 03, 2011 5:52 pm
by Gràisg
Feasgar math Art,

Sgrìobh mise thuca san Ògmhios 2008 agus chuir mi rudeigin an àirde air mo bhlog bheurla.
http://www.gurnnurn.com/2008/06/will-sa ... aelic.html (be careful what you wish for lol)
Mhìnich mi dhaibh ciamar a bha Gàidhlig fhathast beò sa bhaile, an dualchas agus na h-adhartasan ri fhaicinn aig Sgoil Rathad a' mhuillean agus a bharrachd air sin chuir mi eisimpleirean dhealbhan bho Tescos Ulapul thuca. Sgrìobh Dòmhail coir aig CNAG thuca cuideachd. Fhuair mi freagairt bhuapa agus smaoinich mi aig an àm gu robh ùidh aca air sgath 's gur e seo a' chiad bhùth mhòr a chì thu nuair a tha thu a' tighinn a-steach don Ghàidhealtachd bhon taobh an ear agus bha cothrom dhaibh rudeigin sònraichte a chuir air bhog. Cha chuala mi dad a bharrachd gus an nochd na soidhnichean taobh a-muigh. An seachdainn seo chaidh chuir mi ceist post-dealain thuca gus faighinn a-mach nan robh dad a bharrachd na bhroinn. Bha agus thug iad chuireadh dhomh gus dealbhan a thogail an-diugh. An tug sinn buaidh orra?

A-nis seo na thuirt a' mhanaidsear don Nairnshire Telegraph:

"The new store and filling station features extensive signage in Gaelic. " This was a condition of our planning permission," said Raymond (manaidsear) but he said the company was happy to comply given the Nairn Sainsbury's was their first store in the Highlands."

An robh Gàidhlig a' crochadh air a' chùmhnant dealbhaidh? Cha robh fhios agam air sin agus ma tha e ceart 's e ceum air adhart a tha sin agus 's math a rinn Comhairle na Gàidhealtachd. Mas ann mar sin a tha e am bu chòir dhuinn a bhith deiseil airson beachd a thoirt air tabhartasan dealbhaidh eile den leithid a nochdas san àm ri teachd?

Co-dhiù tha Sainsbury's Inbhir Narann air a bhith loma-làn le luchd-caitheamh fad an latha agus gu math a thèid leotha an-diugh agus gu brath sìorraidh sa bhaile seo. Tighearnas an Co-op ri cùl :-)

PS Bidh Lachlan MacAmhlaigh air An Là a-nochd, rinn e agallamh aig an togalach le BBC Alba

Re: Sainsbury's InbhirNarann Soidnichean dà-chànanach na bhr

Posted: Sun Aug 07, 2011 7:20 pm
by siliconglen
Why does it require a condition of planning permission for them to recognise a local language? Dear Sainsbury's. Please recognise that Gaelic is an indigenous language of Scotland and have bilingual signage going forth in all your Highland shops, planning conditions or otherwise. Tesco Oban, please note - your monolingual signage was very disappointing. https://foursquare.com/venue/2189327

Re: Sainsbury's InbhirNarann Soidnichean dà-chànanach na bhr

Posted: Mon Aug 08, 2011 11:08 pm
by Seonaidh
...ach bu toil leam monolingual signage - Gàidhlig a-mhàin!