A bheil airgead na Gàidhlig air a dheagh chosg air 'Blas'?

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

A bheil airgead na Gàidhlig air a dheagh chosg air 'Blas'?

Unread post by Gràisg » Wed Aug 17, 2011 3:23 pm

le Niall Macrath san Albannach:

"Nise, tha e air aithris gun tuirt Mìcheal Ruiseal BPA, Rùnaire an Fhoghlaim, "This is a full and ambitious programme . . . which will help strengthen the Gaelic language." Bha mi air son faighneachd dheth car son a shaoileadh e gun daingnicheadh cons airtean-ciùil a' chànan, 's iad air a' chuid as motha sa Bheurla, gu math tric le luchd ciùil aig nach eil facal Gàidhlig. Ach cha robh e ri fhaighinn air son fios freagairt bhuaithe."

Tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/A-bheil ... 6817724.jp



ArtMacCarmaig
Posts: 46
Joined: Wed Feb 04, 2009 11:27 pm

Re: A bheil airgead na Gàidhlig air a dheagh chosg air 'Blas

Unread post by ArtMacCarmaig » Wed Aug 17, 2011 5:32 pm

'S bochd nach do bhruidhinn Niall rium fhìn mun seo.

Tha cuimhn' agam gun robh e an làthair aig co-labhairt ann an Inbhir Nis nuair a bha mi a' bruidhinn mu mhaoin. Thuirt mi, ceart gu leòr, gum biodh a' mhòr chuid de dh'airgead a' Bhùird air a chosg air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh.

Thuirt mi cuideachd, ged a tha e air seo a dhìochuimhneachadh: "Tha mi airson aon rud a shoilleireachadh agus `s e sin nach bi sinn a' sgur airgead a thoirt do na h-ealain ... cha bhi sinn a' sgur taic a thoirt do rannsachadh ... tha foillseachadh cudromach cuideachd, cho math ri taic do choimhearsnachdan."

Dh'fhaodainn tòrr a bharrachd a ràdh mun phìos a tha seo, ach fàgaidh mi e.

Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: A bheil airgead na Gàidhlig air a dheagh chosg air 'Blas

Unread post by Gràisg » Wed Aug 17, 2011 11:14 pm

Chan e deasbad/argamaid ur a tha seo ach saoil dè am beachd aig a' mhòr chuid? Nuair a leanas tu an URL ud dhan Albannach chì thu chan eil ach aon bheachd tighinn a-steach mar fhregairt. Mar sin chanainnsa gu bheil moran ('s dòcha fiù's a chuid as motha) gu tur coma. Cò aig a tha fios dh'fhaodadh gum bi tuilleadh rannsachaidh air fàire le Soillse.

Post Reply