Page 1 of 1

Gaelic pupils 'must double...'

Posted: Wed Oct 05, 2011 2:26 pm
by sr3nitygirl

Re: Gaelic pupils 'must double...'

Posted: Wed Oct 05, 2011 11:14 pm
by akerbeltz
Dèan compulsory e sna sgìrean Gàidhlig...

Re: Gaelic pupils 'must double...'

Posted: Thu Oct 06, 2011 9:48 pm
by Seonaidh
Far a bheil mi a' fuireach, chan eil Gàidhlig ri faotainn ann an sgoil no sgoil. Chan eil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, chan eil Gàidhlig mar chuspair ann am foghlam tro mheadhan na Beurla. Agus 's ann ann an Alba a tha mi a' fuireach, ann an sgìre far nach eil Gàidhlig air a bhith o chion, 's dòcha, 500 bliadhna.

Ach 's ann a tha àiteachan ann an Alba far nach robh Beurla sam bith an sin. Sna h-àiteachan ud, mar sin, an e an fhìrinn a th' ann nach eil foghlam Beurla ri fhaotainn, no fiù 's Beurla mar chuspair ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig? Chan eil mi a' smaoineachadh gur e. Tha rudeigin glè cheàrr an seo!

Ma bhios Beurla ri faotainn mar chuspair anns na sgìrean Gàidhlig, mar sin b' fheudar don Ghàidhlig a bhith ann mar chuspair sna sgìrean Beurla. Agus ma bhios foghlam tro mheadhan na Beurla ri fhaotainn an sin, b' fheudar do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ann sna sgìrean Beurla.

Mar eile, tha nithean mì-cheart.

Re: Gaelic pupils 'must double...'

Posted: Fri Oct 07, 2011 12:35 pm
by akerbeltz
Leis nach eil tidsearan gu leòr ann, bhiodh e 'na ghòrachas Gàidhlig a theagasg dhan a h-uile duine sna sgìrean Beurla. An-diugh, co-dhiù, a-màireach, 's dòcha...