Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by Gràisg »

Bhon làrach whatdotheyknow.com. Làrach a tha sealltainn toradh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh A chàirdean a bheil duine sam bith ann a sheo math air arithmetic? Dè an cosg a bh'ann uile gu lèir?

"Dear Mr MacDonald,

I refer to your Freedom of Information request of 15^th June 2011 in
connection with the mygaelic.com website.

You seek information on the following points and I have set out the data
you requested in a table format and I hope that this answers all your
queries;

* Total expenditure on the initial implementation of the mygaelic web
site, including consultation and overhead fees.

* Running costs, including breakdown of hosting costs.

* Total cost, including breakdowns, in implementing the 'new' mygaelic web
site, which was made public in May 2011

* Evidence showing method by which providers (designers, coders, hosting
companies etc.) were chosen by Bòrd na Gàidhlig to bring mygaelic
(including the new mygaelic web site 'redesign') to fruition.

* Total expenditure on the initial implementation of the mygaelic web
site, including consultation and overhead fees.

Mygaelic.com was launched in February 2009 as a major new information and
networking site, which aimed to be the place to visit for everyone who
wanted to learn more about Gaelic – Gaelic language and culture,
tourism, events relating to Gaelic and, how and where they could engage
with the language. Mygaelic.com was aimed at Gaelic speakers and novices
alike, offering something for everyone with an interest in wishing to
learn more about the language or indeed learning to speak Gaelic.

The development work on mygaelic.com which is part social networking, part
learning and a web-based source of information, took two years and also
represented a major piece of research on the attitudes of users and young
people.

2007/8 2008/9
Research £54,689.20 £0
Development £86,079.32 £191,523.47

* Running costs, including breakdown of hosting costs.

2007/8 2008/9 2009/10 2010/11 2011/12
On-going Content 0 0 £108,208.76 £56,194.29 £15,552.00
Creation &
Management
Hosting 0 £2,986.63 £3,468.78 £3,543.84 £900

* Total cost, including breakdowns, in implementing the 'new' mygaelic web
site, which was made public in May 2011.

2007/8 2008/9 2009/10 2010/11 2011/12
Site Refreshing – inclusive of 0 0 0 £8,015.93 £10,020
new design structures and new
content

* Evidence showing method by which providers (designers, coders, hosting
companies etc.) were chosen by Bòrd na Gàidhlig to bring mygaelic
(including the new mygaelic web site 'redesign') to fruition.

The mygaelic.com project has been managed since its inception by The
Creative Cell, after winning an open the tender in 2007 to research,
design and deliver the project. With the appointment in 2010/11 of a new
Ceannard (Chief Executive) and Senior Management Team structure, the
decision was taken in March 2011 that the project would be managed
in-house and that the contract with Creative Cell would be terminated from
30^th June 2011. In this way we will continue to derive benefit at
relatively low cost from the earlier investment.

I hope this answers the questions raised.

Yours Sincerely,

Alasdair MacKinnon

Alasdair MacFhionghuin | Leasaiche Sheirbheisean Corporra

Alasdair MacKinnon | Head of Finance & Corporate Affairs"

Tuilleadh an seo: http://www.whatdotheyknow.com/request/m ... ing-193473


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by GunChleoc »

Sin thu - tha e nas fhasa fhaicinn air cruth clàir.

Is dòcha gur e am bliadhna 2010/2011 am bliadhna as àbhaistiche a thaobh cosgaisean gus an làrach-lìn a' cumail a' dol, is cha creid mi nach eil na h-àireamhan seo air cùl dùnadh an làraich:
  • £3,543.84 Webhosting
  • £56,194.29 Content creation & management
  • Cha mhòr £ 60.000 uile gu lèir.
Chan eil mi fiù 's ag iarraidh coimhead air na h-àireamhan eile! :mc:

Gu mì-fhortanach, tachraidh seo ro thric le pròiseactan coimpiutaireachd poblach is chan ann ann an saoghal na Gàidhlig a-mhàin. Bidh feum ann airson bathar-bog, ach chan eil na daoine a tha ga iarraidh a' tuisginn gu leòr na tha an sàs is dè cho cosgail a bhios e.

Dìreach airson coimeas - na cosgaisean a phàigh mi am bliadhna airson fòramnagaidhlig.net:
  • Òstair: € 38.97
  • Àrainn: € 8.00
  • Uairean saor-thoileach: gun phrìs!
Research & Development: Nì phpbb.com seo an asgaidh :D
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by Seonaidh »

£523,147.22 thar 5 bliadhna: £100,000 a' bhliadhna, 's dòcha £2 a' bhliadhna do gach neach aig a bheil Gàidhlig.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by An Gobaire »

Bhiodh an t-airgead sin na b' fheàrr ga chosg air deagh eadar-theangachaidhean de sgrìobhainnean cudromach ann an litreachas is cuspairean eile.

No air tòrr rudan fiachail eile a thogadh cliù na Gàidhlig agus cothrom air ionnsachadh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by akerbeltz »

Saoilidh mi gur e leasan ann am "project management - an dòigh cheart is an dòigh chearr" a fhuaras an cois a' phròiseict seo. Cha robh am beachd tùsail dona. Ach cha robh dad mar MG ann.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by An Gobaire »

Seadh. Uill, chan aithne dhomh ciamar a tha am pròiseact air a riaghladh, agus chan eil mi a' faicinn mòran a tha ceàrr air an làrach-lìn fhèin. 'S e a' chosgais a tha a' cur dragh air daoine agus gheibhear tòrr den fhiosrachadh a tha air, air làraichean-lìn eile a tha fada nas saoire a ruith 's a riaghladh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by GunChleoc »

Bha an dealbhadh air a' bhathar-bhog math, ach bha rudan a dhìth air fhathast ach am biodh e furasta ri cleachdadh. Is dòcha gun do ruith iad a-mach à airgead. An turas mu dheireadh a sheall mi air, bha e san tionndadh beta fhathast.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by Gràisg »

Dhomhsa an laigse na bu mhotha, 's e sin cha robh na buidhninn furasta ri seòladh. Chaidh moran daoine a-steach sa chiad dol a-mach ach cha do dh'fhuirich e fada air sgath 's cha robh e furasta faighinn a-mach co eile a bh' ann. Bha e dà bhliadhna san dhealbhadh agus mar sin bha an eadar-lìn a ghluasad air adhart gu mòr agus a' Ghaidhealtachd air loidhne na chois. Cha mhòr nach robh mobheurla sean fhaiseanta nuair a nochd e an taca ri Facebook. B' fheàirrde leotha a bhith bruidhinn leis a' choimhearsnachd air loidhne bhon chiad dol a-mach 's docha. Thainig mobheurla.com mar chloich as an adhair agus leis a sin chaidh cothrom a dhith a bhith a' toirt a-steach sgilean agus taic saor an asgaidh bhon fheadhainn a bha mu thràth an sàs den leithid.
Nach biodh e air a bhith na b' fheàrr criomagan beaga airgid a chur mu thimchioll a' Ghaidhealtachd air loidhne an àite a dhol gu saoghal na Beurla leis?
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Cosgais mobheurla.com tighinn as iarrtas FOI

Unread post by akerbeltz »

Fhad 's fhios dhomhsa, cha robh MG san tairgse o thùs idir. Bha BnaG an dùil ri iomairt, le sanasachd is rudan mar sin, a thàladh daoine òga aig nach eil G no fiù seanmhair le G dhan a' Ghàidhlig. Bha beachd ann làrach-lìn a chruthachadh 'na chois, saoilidh mi. Dh'fhalbh siud is thàna seo... agus aig a' cheann thall, cha robh air fhàgail dhen brief tùsail ach MG.com .... droch phlanadh is droch stiùireadh, chanainn.

An-dà, sin agus droch thuigse air dè th' anns na meadhanan sòisealta.
Post Reply