Glaschu nan Gàidheal

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Glaschu nan Gàidheal

Unread post by Thrissel »

Bho aiste BhBC:
Chuir a' bhuidheann, An Lòchran, a tha an sàs ann an adhartachadh na Gàidhlig sa bhaile, tursan-bus air dòigh, a sheallas do dhaoine àiteachan ann an Glaschu a th' air a bhith cudromach do na Gàidheil, agus air an tug na Gàidheil buaidh.

'S ann tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla a tha an turas, agus e ga ruith an-dràsta mar phàirt de dh'Fhèis Taobh an Iar Ghlaschu.

"Air sàilleabh 's gu bheil sinn a-niste air a chruthachadh, 's e pròiseact leantainneach a bhios an seo.

"Bidh e a' gabhail àite aig tachartasan mòra leithid Piping Live, Celtic Connections, ach cuideachd ma tha daoine airson tighinn thugainn airson cuairt iarraidh, 's urrainn dhuinn sin a dhèanamh cuideachd."
An aiste fhèin an seo:
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/18407441
agus bhidio an seo:
http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/18425080


Post Reply