Guardian an aghaidh Gàidhlig

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Guardian an aghaidh Gàidhlig

Unread post by Gràisg »

Seo amadan ris an canar Ian Jack:

"For five or six hundred years Gaelic did well and expanded aggressively across most of Scotland, but it began to lose the competition with Scots-English as early as the 13th century, and then began its long retreat to the Highlands. By 1755, Gaelic speakers numbered only 23% of the Scottish population, which had shrunk by 1901 to 4.5% and 100 years later to 1.2%. Today about 60,000 people speak it, most of them concentrated in the Western Isles, and all of them bilingual in English. Multiply that figure by five to get the number of Cantonese speakers in the UK, by 10 to reach Punjabi, by 20 to those who use Bengali, Urdu and Sylheti. These are conservative estimates for the UK as a whole, and take no account of many other migrant languages, including those from eastern Europe; but even if the comparison is confined to Scotland, it looks likely that the number of citizens who speak South Asian languages at least equal those who speak Gaelic. And yet, unlike Gaelic and Welsh, none of them has the protection of parliamentary acts and an expanding bureaucracy, nor has any been rewarded by a publicly subsidised television channel of its own."

Nach duine adhartach a th'ann an siud? 'S e sin ri ràdh taic don a h-uile canain eile ach Gàidhlig no Cuimris. Gu fortanach chan ann mar sin a tha na Guardianistas buileach glan. S' toll leam gu mor freagairt a thàinig a steach:

"This is piss-poor.
It's because Gaelic usage has shrunk so low that it's being encouraged.
If any of the above languages had been displaced by English to near extinction in their home country, the Guardian would be wholeheartedly behind any attempts to revive them.
For some reason a different set of rules apply in the Guardian whenever Scottish issues are discussed."

Tuilleadh an seo: http://www.guardian.co.uk/commentisfree ... ing-gaelic


Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Guardian an aghaidh Gàidhlig

Unread post by Seonaidh »

Chan eil Mgr. Jack ceart idir, ach chan eil e na amadan.

'S ann a tha laghan ann a dhìonas còraichean na feadhainn aig a bheil mìon-chànan leithid Paindiabi no Cantonais no Pòlannais, m.e. A thaobh nan "Guardianistas", dè th' ann? Daoine a leughas an sgudail ud? Daoine a cheannaicheas am pàipear? No 's dòcha facal càinidh a chleachdar le fir an taoibh a deas air na Lib-Deamaich?

A thaobh "This is piss-poor...", chan eil mi ag aontachadh gum biodh an Guardian taiceil idir do chànan, m.e., ann an Ameireaga a bha air oir bàis air sgàth na Beurla no Spàinnis.

OK, dè tha ceàrr an seo? Ann an Alba, tha coimhearsnachdan ann far an cleachdar Beurla mar chànan làitheil. Agus tha seo fìor mu Ghàidhlig cuideachd. Ach chan eil e fìor mu Phaindiabi, mu Chantonais, mu Phòlannais amsaa. 'S dòcha gum fàs e fìor man deidhinn uaireigin ach chan eil e an-dràsta. Agus seo - nach eil e fìor man deidhinn - carson nach eil e iomchaidh an aon taic a chur riutha mar a chuirear ri Beurla agus Gàidhlig.

Nach cuir sibh post-d chun an Fhreceadain (Guardian?) seo a ràdh?
Thrissel
Posts: 647
Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
Language Level: eadar-mheadhanach
Location: Glaschu

Re: Guardian an aghaidh Gàidhlig

Unread post by Thrissel »

Chan eil mi cinnteach nach eil coimhearsneachdan sna bailtean as motha mar Ghlaschu no Dùn Èideann a chleachdas na Pòlainnis mar chànan làitheil, co-dhiù chun na h-ìre a chleachdar a' Ghàdhlig ann an àiteachan eile. Tha a' Phòlannais aig aon dhuine sa cheud ann an Sasainn 's a' Chuimrigh agus ged nach deach tograidhean cunntas-sluaigh na h-Alba fhoillseachadh fhathast, cha chreid mi gum bi diofar glè mhòr annta.

Chan eil mi ag agairt gu bheil coimhearsnachdan mar sin ann; tha mi ag ràdh nach cuireadh e iognadh orm idir idir nam biodh. Choinnich mi fhìn ri grunn Phòlannach a bha air fuireach is obrach an seo airson nan blidhnaichean ach aig an robh fada na bu lugha dhen Bheurla na tha dhen Ghàidhlig agamsa. Ge-tà, feumaidh gu do chuir iad seachad na bliadhnaichean ann an coimhearsnachdan air choireigin, shaoilinn.
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Guardian an aghaidh Gàidhlig

Unread post by Gràisg »

San roinn chluich pholitigeach a chruthaich Mairead Bheannaichte saoilidh mi gur ann an aon aite ris an da phartaidh Westminster eile a gheibhear na LibDems an-diugh. Chan eil ach Farage beagan a-mach bhuapa. ‘S e sin ri radh nach urrainn dhut paipear rizla a chur eatorra..
A-nis Guardianistas, dhomhsa (sa mhor chuid) daoine inntinneach, onorach le beachdan diofraichte bhon chac a tha aig teas meadhan beatha sa chummantas ann an 2013. Chan eil mise tuigsinn an fheadhainn nach eil comasach faicinn ceist ceartas a thaobh Gaidhlig ‘s Cuimris ge-ta. Mar sin mise caran amharasach air an cuid fheallsanachd pearsanta a thaobh ceistean eile mur a bheil iad toabhach ruinn.

A-nis, ceist eile tighinn as a seo. A bheil e iomchaidh an fhacal “Guardinistas” a chleachadh ann an seadh nach eil ri magadh? Saoilidh mi gu bheil, dhomhsa tha an fhacal sin air gluasad bhon fheadhainn a chruthaich e.

Chan eil e an aon rud ach tha mi a’ smaoinich air ballcoise a-nis. Nuair a bha Baille Leicester sa prhiomh leaga cha toil leis an luchd leantainn eile. Bhiodh iad a’ seinn “Boring, boring, Leiceister”. Mar fhreagairt a h-uile turas a fhuair Leicester tual bhiodh iad a’ seinn iad fhein: “Boring, boring Leicester”

Seadh, chan eil an aon rud idir ach ‘s e latha breagha a th’ann agus mise airson sgeulachd cha mhor nach eil eibhinn ri radh.

Tiors and drasta, sin agad e bhuamsa, bidh mi air ais aig an aon am a-maireach.
An Gobaire
Posts: 693
Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
Language Level: Fileanta
Corrections: Please correct my grammar
Location: Saitama, an Iapan
Contact:

Re: Guardian an aghaidh Gàidhlig

Unread post by An Gobaire »

Rud nach toir an luchd-càinidh guth air, 's e ciamar a chaidh a' Ghàidhlig sìos o "23% ann an 1755..."(figear aig an fhear ud, ach gun stàth a chionn cha deach a' chiad chunntas-sluaigh a thaobh na Gàidhlig a dhèanamh gu 1871 - bidh daoine eòlach eile ag ràdh gun robh na Gàidheil sa mhòr-chuid an Alba air fad gus beagan ro Achd an Aonaidh, no co-dhiù chun na 16/17mh linn, ged a tha luchd-eachdraidh oifigeil ag àicheadh sin 's ag ràdh gun robh e fon mhòr-chuid ron 15mh linn). Tha mise taobhadh ris a' chiad bheachd, oir tha fhios againn gun robh Gàidhlig ga bruidhinn ann an Gall-Ghaidhealaibh gus an 18mh linn, agus tha a' Ghàidhealtachd thraidiseanta 's na h-Eileanan a' còmhdachadh mun treas cuid de dh'Alba. An uair sin, bha fada a bharrachd dhaoine a' còmhnaidh innte, agus fada na bu lugha de dhaoine air a' mhachair Ghallta ro Achd an Aonaidh (bha cuid mhath den Mhachair "Ghallta" Gaidhealach an uair sin cuideachd, leithid àiteachan ann an Siorrachd Àir *Carraig ri linn Burns!)

mar sin....chan eil rian nach eil rudeigin den fhìrinn anns a' bheachd neo-oifigeil gun robh Gàidheil sa mhòr-chuid an Alba gu co-dhiù an 17mh linn.

Co-dhiù, nan toireadh luchd-càinidh na Gàidhlig mar am fear ud sa Ghuardian iomradh air ciamar a chiadh àireamh nan Gàidheal ann an Alba sìos cho mòr 's cho luath ann an tomhas eachdraidh, dh'fheumadh iad aideachadh gum b' e na riaghaltasan an dèidh Seumas V, agus gu seachd àraidh Lunnainn an dèidh sin a bu choireach gun deach iad sìos cho mòr. 'S iadsan a rinn an dìcheall cur às dhith. Nan aidicheadh iad sin, dh'fheumadh iad gabhail ri tòrr a bharrachd maoineachaidh son suidheachadh a dh'adhbhraich an Stàit a chur ceart san linn ùr-nodha, enlightened seo (mas fhìor)!
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
poor_mouse
Posts: 939
Joined: Fri Nov 19, 2010 6:33 pm
Language Level: beginner
Corrections: Please correct my grammar
Location: An Ruis, St Petersburg
Contact:

Re: Guardian an aghaidh Gàidhlig

Unread post by poor_mouse »

Cha chreid mi gu bheil duine sam bith ann a tha ag iarraidh airgead a thoirt seachad airson suidheachadh a chur ceart, agus an toil nas lugha leis mar a tha an cionta nas motha.
Tha sinne san Ruis gu math tuigseach air sin.

Chan eil fhios agam a bheil mi a' sgrìobhadh ceart no ceàrr: chan eil deagh Ghàidhlig agam fhathast. Gabhaibh mo leisgeul... :?
Eilidh -- Luchag Bhochd
Post Reply