Modal Sloinntearachd tro SMO

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
User avatar
caoimhin
Posts: 13
Joined: Wed Oct 10, 2007 2:18 pm
Language Level: Fileanta
Location: SMO, An t-Eilean Sgitheanach
Contact:

Modal Sloinntearachd tro SMO

Unread postby caoimhin » Mon Dec 23, 2013 10:22 pm

Bidh a’ teagasg a’ mhodal Sloinntearachd (genealogy) aig SMO a-rithist an ath semeastar, a’ tòiseachadh san Fhaoilleach. Gabhaidh am modal seo a dhèanamh mar aon mhodal leis fhéin, agus le foghlam air astar.

Beagan fiosrachaidh a bharrachd...

Ma nì thu am modal, bidh thu ag rannsachadh craobh-sloinnidh (mar as trice a’ chraobh-sloinnidh agad fhéin) agus a’ sgrìobhadh aiste mu shinnsear air choireigin. Faodaidh tu cuideachd, ma thogras tu, craobh-sloinnidh aig cuideigin ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhlig/Gàidhealtachd a rannsachadh. Mar eisimpleir, chì thu an seo (briog Charts gus tòiseachadh) craobh-sloinnidh airson Alasdair MacBheathain (fear an Etymological Dictionary) a rannsaich oileanach a bha a’ dèanamh a’ mhodail.

Gheibh thu taic leis an t-sloinntearachd agus taic leis a’ choimpiutaireachd. Tha an rannsachair ainmeil, Bill Lawson anns na Hearadh agus a bhean Chris a’ cuideachadh ris an teagasg. Agus tha ballrachd aig a’ Cholaiste ann an Ancestry.com.

Tha na cìsean airson modal a dhèanamh ri’m faicinn an seo. Ma tha thu a’ fuireach ann an Albainn, gun cheum oilthigh agus gun tuarastal ro àrd agad, geobhadh tu ILA bhon Riaghaltas.