Page 1 of 1

Cli On BBC Alba – 30 years in existence!

Posted: Sun Mar 30, 2014 8:51 pm
by GunChleoc
Program Name: Cli aig 30/30 Years of Learning
Date: 31/03/2013
Time: 21:00
Channel: BBC Alba

—-

2014, agus tha Clì Gàidhlig a’ comharrachadh 30 bliadhna mar bhuidheann. Thar na h-ùine sin tha iad air a dhol bho neart gu neart, agus an-diugh tha oifis aca ann an Inbhir Nis le sianar ag obair innte.

Tha a’ bhuidheann ag obair gu cruaidh son goireasan ionnsachaidh a thabhainn dha inbhich a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, agus tha iad cuideachd ag amas air Gàidhlig a chur aig cridhe saoghal na h-Alba san là an diugh. ‘S e D I Mac an t-Saoir a th’ aig an stiùir – fear a bha uair na shaighdear, agus tha e dìoghrasach mun obair.

Leis an sgioba gu trang, gheibh sinn sealladh air na tha a’ dol bho là gu là ann a bhith a’ cumail buidheann dhe a leithid a’ dol.

—-

Clì Gàidhlig is celebrating its’ 30th birthday in 2014, and having gone from strength to strength now has a permanent base in Inverness with 6 employees. The organisation works hard to provide learning tools for adult learners, and to engage positively in the public dialogue for Gaelic’s place in Scotland today.

Led by DJ MacIntyre, an ex-soldier with a great passion for his work, the core office team beaver away as we get a flavour of the day-to-day work that keeps an organisation like this going.
http://www.cli.org.uk/cli-on-bbc-alba-3 ... existence/

Re: Cli On BBC Alba – 30 years in existence!

Posted: Mon Mar 31, 2014 12:28 pm
by faoileag
Mòran taing airson sin a chur an cuimhne. Bha mi riamh dèidheil air Cothrom (an iris aca), nach maireann. 'S dòcha gum bi rudeigin mu sin anns a' phrògram. Bha iad a bruidhinn aig aon àm mu thionndadh air-loidhne, agus tionndadh sònraichte clò-bhailte cuideachd.

Re: Cli On BBC Alba – 30 years in existence!

Posted: Thu Apr 03, 2014 10:34 am
by GunChleoc
'S e pàirt dhen t-sreath "Trusadh" a bh' ann agus tha e fhathast air iPlayer don fheadhainn a dh'fhaodas a chleachdadh:

http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b0 ... _Learning/