Fo-thiotalan agus ceistean cruaidh – MG ALBA

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Fo-thiotalan agus ceistean cruaidh – MG ALBA

Unread post by Gràisg »

Artaigil na leanas Bho Lisa Storey chòir, mo làn-taic dhi agus an fheadhainn eile anns a'ghetto:

"Fo-thiotalan agus ceistean cruaidh – MG ALBA
03 an Dàmhair 2015

Thàinig mi far a’ fòn an-dè agus cuideigin ag iarraidh orm - a-rithist - a dhol air pìos beag de phrògram tha BBC Radio nan Gàidheal am beachd a dhèanamh an ath sheachdain mu fo-thiotalan Beurla. Bha an neach-naidheachd laghach, modhail ach thuirt mi rithe nach rachainn a bhruidhinn. Dè am feum a dhèanadh e? Tha an gnothach gu math soilleir agus sìmplidh: tha an teicneolas ann a dh'fhaodadh cothrom a thoirt dha na daoine nach eil ag iarraidh fo-thiotalan Beurla an cur am falach. Dhearbh am BBC Trust agus BBC Digital sin dhuinn o chionn ghoirid. Chan fheum fo-thiotalan tighinn dheth dha na daoine a tha ag iarraidh an cumail. Tha sin furasta gu leòr a thuigsinn, nach eil?
Tha am fiosrachadh seo air an làrach-lìn www.gaidhlig.tv. Carson a dh'fheumas mo leithid-sa a dhol a bhruidhinn air an rèidio – a-rithist - gus argamaid a dhèanamh le cuideigin mu dheidhinn? Nas cudromaiche na sin: bhon a tha cothrom ùr ann, carson nach eilear a’ cur cheistean cruaidh air na h-àrd stiùirichean a tha os cionn MG ALBA?

A thaobh na Gàidhlig, tha MG ALBA air a bhith sàmhach. Sa Lùnastal 2015, dh’aidich Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagain, nach robh am buidheann air a bhith ‘faiceallach’ mu Bheurla. ’S e ceum mòr a bh’ ann gun d’ dh’aidich MG ALBA gu robh iad ceàrr. Ach cha chuala sinn mòran bhon uair sin.

An deach iarraidh air MG ALBA bruidhinn air prògram Radio nan Gàidheal ceangailte ri fo-thiotalan? Bu toigh leam dearbhadh fhaighinn, mar eisimpleir, an deach iarraidh air Ceannard Phrògraman MG ALBA, Alan Esslemont, neo Cathraiche MG ALBA, bruidhinn, neo an deach uallach a chur air a’ BhBC a-rithist. Tha àrd-rìaghladairean MG ALBA - an dà chuid luchd-obrach agus am Bòrd-Stiùiridh - air an deagh phàigheadh le muinntir na duthcha. Tha iad airidh air ceasnachadh mionaideach.
Tha iomairt a’ dol aig MG ALBA an dràsta ceangailte ri BBC Alba agus Càirt Rìoghail a’ BhBC – am BBC Charter Review Consultation mar a chanas iad - aonta a thèid ùrachadh ann an 2017. Tha sinn air luchd-obrach MG ALBA fhaicinn le bhidioan, aig tachartasan ann an Holyrood còmhla ri buill-pàrlamaid agus Ministear na Gàidhlig, air blogaichean is eile, ag iarraidh oirnn taic a chur ris an ‘iomairt’ seo.

Carson nach eil cleachdadh na Gàidhlig aig cridhe iomairt MG ALBA? Ann an 2015, saoil dè an iomradh as motha a bh’ aig MG ALBA ceangailte ri Gàidhlig? Bha, ghetto! Smaoinich. Bha Ceannard Phrògraman MG ALBA airson dearbhadh dhuinn gu robh ceangail làidir ann eadar Gàidhlig agus an ghetto. B’ e siud an t-seòrsa cainnt a bh’ aig Newton “Newt” Gingrich, fear poilitigs Republican anns na Stàitean Aonaichte, nuair a chuir e sios air sluagh Hispanic na duthcha, a’ moladh gur e Beurla an rathad air aghaidh dhaibh. ‘S beag an t-iongnadh ged a thuirt an sgrìobhadair Aonghas Dubh MacNeacail - agus gu leòr eile - gun e gnothach-nàire a bha seo. Dh’aidich Mgr Gingrich gu robh e cearr. Cha chuala sinn leisgeul bho Cheannard Phrògraman MG ALBA.

Tha ceistean eile ann. Mar eisimpleir, carson a thuirt Stiùiriche MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, ann am blog, is e a’ toirt iomradh air BBC Alba bho 2016 air adhart: “aig an ìre seo faodar a ràdh gu bheileas a’ coimhead air fo-thiotalan eadar-theangachaidh a bhith loisgte a-steach”. Cuin a bhios MG ALBA a’ gabhail ris nach fheum fo-thiotalan a bhith loisgte, agus nach fheum iad a bhith ann am Beurla? Tha Ceannard Ofcom an Alba, Vicky Nash, air an dà rud sin a dhearbhadh dhuinn ann an 2015. Tha cànan an urra ri riaghladairean.

Chan eil ceistean cruaidh gu leòr gan cur air MG ALBA.

Rinn gu leòr againn srì airson sianal Gàidhlig anns na ’90an. Tha mise – agus feadhainn eile a tha airson seirbheis Ghàidhlig fhaicinn anns an 21mh Linn – a’ cur taic ri BBC Alba. Ann an 2015, ma tha MG ALBA airson gum bi Gàidheil a’ tighinn còmhla gu ‘aona-ghuthach’ – a’ seachnadh suidheachadh air an tug seann Chathraiche MG ALBA Alasdair Moireasdan iomradh o chionn ghoirid: cunnart gum bi sgaradh ann - feumaidh iad dearbhadh do na Gàidheil gu bheil iad dha-rìreabh a’ cur cuideam air Gàidhlig. Chan e a-mhàin ann am poileasaidh, ach ann an gnìomh. Ma nì MG ALBA sin, gheibh iad taic bhuainn.
Mar thoiseach-tòiseachaidh, cuiridh MG ALBA stad air fo-thiotalan Beurla loisgte. Tha an teicneòlas ann. Seallaidh iad ri dòighean gus guthan ar cànain fhèin a thoirt a-staigh, mar a tha sianalan eadar-nàiseanta eile a’ dèanamh. Cuiridh iad cleachdadh na Gàidhlig aig cridhe gnothaich. Tha e coltach gun tèid Leirsinn 2020, plana ùr MG ALBA, fhoillseachadh an uine nach bi fada. Am bi susbaint ann a thaobh na Gàidhlig?

Lisa Storey
03/10/2015"
GÀIDHLIG http://www.gaidhlig.tv/


GunChleoc
Rianaire
Posts: 4607
Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
Language Level: Mion-chùiseach
Corrections: Please correct my grammar
Location: Dùthaich mo chridhe
Contact:

Re: Fo-thiotalan agus ceistean cruaidh – MG ALBA

Unread post by GunChleoc »

Tha mi air bruidhinn ri luchd-ionnsachaidh eile mu na fho-tiotalan agus dh'aontaich sinn gum biodh fo-thiotalan sa Ghàidhlig nas fheumaile a thaobh ionnsachaidh na fo-thiotalan Beurla nach eil gu feum sam bith.

Ar leam bhiodh fo-thiotalan sa Ghàidhlig cuideachail cuideachd don fheadhainn a tha làn fhileanta ach nach do dh'ionnsaich sgrìobhadh na Gàidhlig aig an sgoil.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Post Reply